Skip to content

Gàidhlig airson Luchd-labhairt na Gaeilge (Luchd-tòiseachaidh) – Air an Làraich: 01 an Lùnastal 2022

BHO: 01 Lùnastal 2022
GU: 05 Lùnastal 2022
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig airson Luchd-labhairt na Gaeilge (Luchd-tòiseachaidh) – Air an Làraich

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Bidh e a’ ruith air 11mh den Iuchair cuideachd ge-tà.**

‘S ann air a’ chànan labhairteach agus an diofar eadar Gàidhlig is Gaeilge a bhios cuid mhath den obair stèidhichte aig toiseach na seachdain (m.e. dè an t-ainm a th’ ort, càit an do rugadh tu, càit a bheil thu a’ fuireach), le dearbhadh sgrìobhte. Thèid cuideam a chur air fuaimneachadh cuideachd.

Bidh seo bonntaichte air structaran cànain is gràmar ceart aig an toiseach agus feumalachdan an luchd-ionnsachaidh: ‘s iad sin ainmearan, buadhairean, gnìomhairean, co-ghnìomhairean, faclan ceiste agus eisimpleirean practaigeach, labhairteach is sgrìobhte, is mar a thèid an cleachdadh. Thèid an t-ionnsachadh a thoirt air adhart aig ìre a bhios freagarrach do na h-oileanaich fhad ‘s a nì iad adhartas tron t-seachdain.

Thèid bàrdachd is rosg a thoirt a-steach nuair a bhios sin iomchaidh gus briathrachas a neartachadh is a leasachadh. Tha gnàthasan-cainnte, seanfhaclan is samhlaidhean feumail san t-seagh seo.

Bidh cothroman anns a’ chlas a h-uile latha airson bruidhinn ri chèile is Gàidhlig a chur an diofar shuidheachaidhean, agus an cànan a thèid ionnsachadh a rèir structaran sa chlas a chleachdadh.

Tha an cùrsa seo a’ faighinn taic bho COLMCILLE.  ’S e compàirteachas eadar Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig a th’ ann an Colmcille, a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus Gaeilge an Èirinn agus an Alba agus eadar an dà dhùthaich.  Airson tuilleadh fiosrachaidh mu thaic-airgid nan cùrsaichean seo, faodaidh sibh bruidhinn ri Maolcholuim Scott, Oifigear Leasachaidh Cholmcille: www.colmcille.net/ga/contact/index.php

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578