Skip to content

Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose: 25 an t-Iuchar 2022

BHO: 25 Iuchar 2022
GU: 29 Iuchar 2022
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Christine Primrose

Ionnsaich òrain Ghàidhlig le tè de na seinneadairean as cliùitiche ann an Alba air cùrsa goirid le Sabhal Mòr Ostaig. Gheibh sibh cothrom teagasg air leth fhaighinn, is gheibh sibh cuideachd cothrom seinn còmhla is ionnsachadh bhon bheartas de dh’òrain thraidiseanta a tha Christine air càrnadh tro beatha.

Thar a’ chùrsa, coimheadar gu h-àraidh ris na stoidhlichean a leithid òrain ghaoil, tàlaidhean, puirt-à-beul agus òrain-luaidh; agus cuspairean mar gaol-dùthcha, eilthireachd, seòladh agus gnothaichean os-nàdarra.

Anns a’ chùrsa seo bidh sibh cuideachd a’ coimhead ri eileamaidean bunasach de ghràmar is fuaimneachadh na Gàidhlig. Nìthear cuideachd sgrùdadh air an dualchas is a’ bhuaidh phoilitigich, shòisealta a bha air cùl nan òran.

Tha an cùrsa seo ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus cha leig iad leas a bhith eòlach air seinn air àrd-ùrlar; ged a bhiodh e gu am buannachd nan robh iad cleachdte ri bhith a’ seinn ann am buidhinn. Bidh cruinneachadh beag de dh’òrain Ghàidhlig air ur teanga ro dheireadh a’ chùrsa.

Mu Christine

’S ann à Carlabhagh, taobh siar Eilean Leòdhais, a tha Christine Primrose is a’ Ghàidhlig aice bhon ghlùin. Tha Christine air a bhith a’ seinn bhon a bha i na nighinn bhig is i air a cuairteachadh ceithir-thimcheall le òrain thraidiseanta. Thar nam bliadhnaichean, tha i air siubhal air feadh an t-saoghail, a’ seinn òran is ag innse mu cànan is cultar ann an Ameireagaidh, Canada, Sealainn Nuadh, Astràilia is iomadh diofar dhùthaich san Roinn-Eòrpa.

Tha i na Ceannard Òrain Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig is na neach-oide air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta. Bhuannaich Christine Bonn Òr an t-Seann Nòis aig a’ Mhòd, agus anns an t-Samhain 2009, choisinn i an duais ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba.  Chuir i an clàr ùr aice Gràdh is Gonadh – Guth ag aithris air bhog ann an 2017. A bharrachd air sin, chaidh MBE a bhuileachadh orra ann an 2018  airson na tha i air a dhèanamh gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta airson cèol, cultar agus foghlam na Gàidhlig.

Cliogaibh an seo gus Christine a chluinntinn leis an òran ‘Àite Mo Ghaoil’, air a sgrìobhadh le Rob Calum MacLeòid às na Gearranan, Eilean Leòdhais.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578