
Òrain Ghàidhlig le Alasdair Mac ‘Ille Bhàn: 17 an t-Iuchar 2023
BHO: 17 Iuchar 2023GU: 21 Iuchar 2023
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
**Tha an cùrsa seo làn a-nis. Nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.**
Air a’ chùrsa seo, bheir sinn sùil air farsaingeachd de dh’òrain sean is ùr. Bheir sinn sùil air beatha nam bàrd, a thuilleadh air feartan dualchais agus an suidheachadh anns an deach na h-òrain a dhèanadh. Bheir sinn sùil cuideachd air eileamaidean bunasach de ghràmar na Gàidhlig, fuaimneachadh, dual-chainntean agus pàtranan comhardaidh nan òran.
Tha an cùrsa seo ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus cha ruig sibh a leas a bhith eòlach air seinn air àrd-ùrlar. Bidh cruinneachadh beag de dh’òrain Ghàidhlig agaibh air ur teangaidh aig deireadh a’ chùrsa.
Mu Alasdair
’S ann à Muile a tha an Dr Alasdair C. MacIlleBhàin. Tha e air a bhith a’ seinn sa Ghàidhlig on a bha e beag. Bidh e tric air àrd-ùrlar agus air meadhanan eile a’ seinn agus a’ cleasachd. Chaidh Bonn Òir a’ Chomain Ghàidhealaich a bhuileachadh air ann an 2006. Bidh e cuideachd a’ dèanadh nan òran aige fhèin agus a’ sgrìobhadh ann an cruthan eadar-dhealaichte.
Tha Alasdair air meall òran a chur air chlàr: clàr air a cheann fhèin (Las, 2012); trì clàran leis a’ chòmhlan WHYTE (Maim, 2021; Tairm, 2019; Fairich, 2016); agus òrain le Niteworks (A’ Ghrian, 2022; NW, 2015). Chaidh Maim-slè, ciad leabhar Alasdair, anns a bheil bàrdachd agus òrain sean is ùr, fhoillseachadh ann an 2021. Chaidh an leabhar ainmeachadh air geàrr-liosta Duais Dhòmhnaill Meek (neo-fhicsean) aig na Duaisean Litreachais 2022.
Tha Alasdair a’ fuireach ann an Glaschu an-ceartair far a bheil obair làn-ùine aige na rannsaiche aig Oilthigh Ghlaschu. Chaidh ainmeachadh mar Thosgaire na Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba ann an 2019 agus 2020.
Chithear bhidio de dh’Alasdair a’ gabhail ‘Thèid mi lem dheòin’ le Màiri nighean Alasdair Ruaidh an seo.
Gheibhear tuilleadh fiosrachadh mu Alasdair an seo.