Faerie Tunes le Ross Couper & Innes Watson: 31 Iuchar 2023
BHO: 31 Iuchar 2023GU: 04 Lùnastal 2023
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
CHA BHI PETER MORRISION A’ TEAGASG TUILLEADH AIR AN T-SEACHDAIN SEO LEIS GUN DO BHRIS E A LÀMH !
Tha sinn gu math toilichte cothrom a thabhann do luchd-ciùil a thighinn cruinn còmhla aig Sabhal Mòr Ostaig as t-samhradh airson ionnsachadh le dithis bhall de na “Peatbog Faeries” a bhuineas don Eilean Sgitheanach fhèin. Nach tig sibh ann an cuideachd Ross Couper (fidheall) & Innes Watson (fidheall is giotàr) airson seachdain làn de phuirt is fuinn, cho math ri eagrachadh ciùil agus ceòl taic.
Bidh an cùrsa Faerie Tunes fosgailte don dà chuid ionnsramaidean seirm is com-pàirt, agus bidh e freagarrach do chluicheadairean aig ìre eadar-mheadhanach agus nas adhartaiche.
Clàr-ama an t-seachdain:
Diluain, Dimàirt agus Diardaoin clasaichean bho 9:30m gu 4:30f
Diciadain deiseil tràth 9:30m gu 3f
Dihaoine 10m gu 12:30f