Skip to content

SpeakGaelic A1 Pàirt 1: 01 Gearran 2023

BHO: 01 Gearran 2023
GU: 10 Cèitean 2023
COSGAIS: £115
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann cùrsaichean cànain SpeakGaelic a-rithist air làrach na Colaiste, aghaidh-ri-aghaidh mar chlasaichean coimhearsnachd, a’ tòiseachadh anns a’ Ghearran 2023. Thèid iad thar 13 seachdainean, 3.30f – 5.15f gach Diciadain (ach 05/04/23 is 12/04/23).

Bidh na clasaichean seo aig ìre fhìor-thòiseachaidh agus iad a’ gabhail a-steach a’ chiad leth den chùrsa SpeakGaelic aig ìre A1, a rèir sgèile CEFR. Tha 13 cuspairean ann an Cùrsa A1, leis a’ bhloca seo de chlasaichean a’ tabhann a’ chiad 6 cuspairean. Tha 13 prògraman telebhisein ceangailte ris a tha air an dèanamh le BBC ALBA agus, a bharrachd air sin, goireasan eile a tha a’ cur ris, leithid phod-chraolaidhean agus làrach-lìn SpeakGaelic gus ionnsachadh air ur ceann fhèin. Tha ìrean a bharrachd rim faotainn aig ìre A2, le planaichean air B1 is B2 san àm ri teachd (is B1 a’ tighinn a-mach sa bhliadhn’ ùir), a bhios a’ tabhann slighe stèidhichte do luchd-ionnsachaidh.

Tha an cùrsa ri fhaotainn aig prìs àbhaisteach agus prìs airson daoine gun tuarastal. Nach tagh sibh “prìs oileanach” ma tha sibh gun tuarastal.

Cuiribh post-d thugainne aig ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth. Tha sinn an seo gus taic a thoirt dhuibh air ur slighe-ionnsachaidh.

Faodaidh sibh am Poileasaidh Dìon Dàta againn a leughadh an seo.

Tha SpeakGaelic air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba agus MG ALBA. ‘S e com-pàirteachas a th’ ann eadar Sabhal Mòr Ostaig (Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig), MG ALBA agus BBC ALBA.

 

 

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/