Tobar an Dualchais: Creative Connections Air Loidhne 27 an t-Iuchar 2021

BHO: July 27, 2021
GU: July 29, 2021
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Tobar an Dualchais: Creative Connections (Air Loidhne)

Bheir an cùrsa trì-latha seo, air a lìbhrigeadh an co-bhonn le Sabhal Mòr Ostaig, deagh inntrigeadh agus tuigse do luchd-com-pàirt air a’ chruinneachadh shònraichte de sheann chlàraidhean air bheil Tobar an Dualchais.

Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 09.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 and 13.30 – 15.00.  Cha bhi ach deichnear sa chlas.  Thèid an clas seo a theagasg tro mheadhan na Beurla.

’S e Tobar an Dualchais/Kist o Riches an cruinneachadh air-loidhne as motha de chlàraidhean-fuaim ann an Alba, le suas ri 50,000 clàradh, a’ gabhail a-staigh òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd, cleachdaidhean agus sgeulachdan a chaidh a thogail ann an Alba bho na 1930an suas.

Tha an cùrsa trì-latha seo a’ tabhann a’ chothruim do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an dualchas sònraichte na h-Alba – luchd-ealain lèirsinneach, sgrìobhadairean, ceòladairean, luchd-rannsachaidh ùr beul-aithris agus luchd-teagaisg cruthachail nam measg – barrachd ionnsachadh mun ghoireas air-loidhne seo, cò rinn na clàraidhean agus carson, agus an luach a th’ annta dhuinn san latha an-diugh.

Cuiridh luchd-com-pàirt eòlas air cuid dhe na seanchaidhean mòra a th’ anns an tasglann am pailteas, agus thèid an deisealachadh airson an goireas a rannsachadh gu h-èifeachdach agus le barrachd tuigse. Thèid an cùrsa a lìbhrigeadh tro mheadhan na Beurla ach bidh e a’ coimhead air nithean dlùth-cheangailte ris a’ Ghàidhlig agus Albais cho math ris a’ Bheurla, le eisimpleirean de dhualchainntean ionadail a tha glèidhte anns na clàraidhean nam measg. ’S e sàr sgoilearan agus luchd-ealain a tha mion-eòlach air na clàraidhean a bhios a’ lìbhrigeadh a’ chùrsa, leithid an Dr Mairi McFadyen, Raghnaid Sandilands. Bidh iadsan a’ cuideachadh luchd-com-pàirt ann a bhith a’ rannsachadh nan cothroman a dh’fhaodadh a bhith an lùib a’ ghoireis bho dhiofar sheallaidhean, a’ gabhail a-staigh cruthachalachd ionadail, eag-eòlas cultarail agus mothachadh àrainneachd.

Anns a’ chùrsa seo bidh cuideam air com-pàirteachadh cruthachail. Bidh luchd-com-pàirt air am brosnachadh gu bhith a’ smaointinn air mar a tha na clàraidhean a’ toirt buaidh orra, agus gheibh iad dòighean agus misneachadh gus tòiseachadh air faighinn a-mach dè na cothroman a dh’fhaodadh a bhith ann don obair aca fhèin – co-dhiù ’s e pròiseact coimhearsnachd ionadail, obair ealain, pìos sgrìobhaidh no taisbeanadh ciùil a bhios ann.

Tha Tobar an Dualchais/Kist o Riches air buaidh a thoirt air mòran de luchd-ciùil, luchd-ealain, sgoilearan agus sgrìobhadairean, agus ’s e goireas foghlaim, cruthachail air leth a th’ ann do ghinealach an latha an-diugh agus do na ginealaichean ri tighinn.

Ma tha thu airson barrachd fios fhaighinn mun chùrsa, cuir post-d gu Flòraidh Forrest aig:   ff1.smo@uhi.ac.uk. Faodaidh tu cuideachd ar leantainn air Facebook agus Twitter, far am faigh thu na naidheachdan as ùire mun ghoireas air-loidhne seo.

Eisimpleirean bho Thobar an Dualchais:

Mairi Mhoireasdan air an clàradh ri Iain Latharna Caimbeul ann an 1950 a’ gabhail an t-òran pìobaireachd ‘A’ Cholla Mo Ruin’.

Annag Arnott air a clàradh le Calum Iain MacIlleathain a’ gabhail an srath spè ‘Falbhaidh Mise ‘s Padra Mòr’.

Aonghas MacIllfhialain ag aithris ‘Duan na Ceardaich’ airson Iain Latharna Caimbeul ann an 1949.

Tobar an Dualchais: Creative Connections Air Loidhne 27 an t-Iuchar 2021
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578