Cudromach: Ma tha sibh ag iarraidh lioft bho phort-adhair Inbhir Nis dhan Cholaiste, tha sinn a’ cur romhainn gum falbh bus no bhan bhon phort-adhair uaireigin feasgar Diardaoin ann an àm gus a’ Cholaiste a ruigsinn ro dhìnnear. Thill an lioft dhan phort-adhair tràth madainn Didòmhnaich. Ma tha sibh an dùil an t-seirbhis seo a chleachdadh, gun cuir sibh fios gu rianaire na co-labhairt cho luath sa ghabhas. Chan urrainn dhuinn gealltainn gun bi àite air fhàgail do dhuine nach cuir fios thugainn ron 30mh dhen Ghiblean.

Cuideachd, tha sinn an dòchas liosta a chur ri chèile de dhaoine a tha ag iarraidh lioft a roinn dhan Cholaiste bho na bailtean mòra mu dheas. Ma tha sibh an dùil draibheadh dhan Eilean agus àite agaibh nur càr, no ma tha sibh ag iarraidh lioft, nach leig sibh fios do dh’Eilidh Ghrannd, nuair a bhruidhneas sibh rithe los clàradh. Cumaidh i liosta agus feuchaidh i ri daoine a chur ri chèile.

Eilidh Ghrannd, rianaire na co-labhairt: 44 (0) 1471 888304

Siubhal
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578