SLÀINTE IS SUNND
Ged a tha thu aig colaiste, ‘s e comhairle agus fiosrachadh mu do shlàinte a gheibh thu seach rabhaidhean. ‘S ann agad fhèin a tha an taghadh a thaobh slàinte, dòigh-beatha is ciamar a bhios tu a’ cumail fallain.
Daithead
Gheibh thu a-mach ciamar a bhios deoch-làidir no biadh mì-fhallain a’ dèanamh cron air do chuid shlàinte, is thèid fiosrachadh a thabhann dhut mu dheidhinn drugaichean is an lagha. Tha e an urra riut fhèin dè nì thu, ach tha a h-uile cothrom ann airson comhairle a lorg is na co-dhùnaidhean ceart dhut fhèin a ruighinn.
Ionad-slàinte Shlèite
Mar oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, bhiodh e iomchaidh a bhith a’ clàradh aig Ionad-slàinte Shlèite, dìreach deich mionaidean bhon Cholaiste, far am faigh thu taic mheidigeach sam bith a dh’fhaodadh a bhith air dhìth.
Eacarsaich
Tha iomadh cothrom ann airson beatha fhallain a thòiseachadh no a chumail suas tro eacarsaich, oir tha buidhnean mar club karate aig a’ Cholaiste agus faodaidh oileanaich buidhnean cur-seachad eile a stèidheachadh. Tha amar-snàmh sa Chaol agus spòrs leithid badmantan, iomain agus ball-coise air raon Bun-sgoil Shlèite le cead a-mhàin gan cluich faisg air làimh.
Tha cabhsairean is slighean sàbhailte faisg air Sabhal Mòr Ostaig airson coiseachd agus baidhsagalan.
Slàinte-feise agus Càirdeasan
Math dh’fhaodte gum bi na dàimhean pearsanta agad ag atharrachadh fhad ‘s a bhios tu aig a’ Cholaiste, is tha fiosrachadh dìomhair air slàinte-feise is càirdeasan ri fhaotainn cuideachd.
Slàinte-inntinn
Tha slàinte-inntinn gu math cudromach cuideachd. Tha deagh shuidheachadh inntinn a’ ciallachadh gun tèid agad air do làn chomas a thoirt gu buil ann am beatha is obair, is tha comhairle mu dhuilgheadasan slàinte inntinn ri fhaighinn bho Sheirbheis Taic Oileanaich.
Creideamh
Tha sinn a’ cur taic ri oileanaich a thaobh creideamh sam bith agus ri oileanaich nach eil a’ leantainn creideamh idir, oir tha sinn a’ tuigsinn mar a dh’fhaodadh creideamh taic a thoirt dhut nad bheatha.
Taic
Tha do chuid shlàinte an urra riut fhèin, ach bheir sinn taic is stiùireadh iomchaidh dhut.
Spectrum Life
Tha taic 24/7 cuideachd ri fhaighinn tro Spectrum Life. ’S e goireas ùr Taic Slàinte-inntinn a th’ ann do dh’oileanaich agus luchd-obrach Shabhal Mòr Ostaig.
‘S e goireas didseatach a tha ri fhaighinn aig àm sam bith a th’ ann, is a tha an-asgaidh agus ann an dìomhaireachd. Tha eòlaichean proifeiseanta a’ cumail taic ris a’ choimhearsnachd air-loidhne, agus tha goireasan fèin-cuideachaidh ann airson iomadach chuspair. Gheibh thu barrachd fios air Spectrum Life an seo.
Meningitis
‘S e naidheachd mhòr a bhios ann nuair a bhios sgaoileadh de dh’fhiabhrais eanchainne (meningitis) a’ nochdadh am measg oileanach a dh’adhbharaicheas eagal mòr mun fhiabhras. A rèir poileasaidh ùr an Riaghaltais, bu chòir gun tèid banachdach an aghaidh an fhiabhrais eanchainne ACWY (Meningitis ACWY) a thabhann do dh’oileanaich ùra air a’ chiad bhliadhna den oilthigh. Bu chòir do dh’oileanaich fios a chur don dotair aca gus banachdach a chur air dòigh.

