Skip to content
Picture of a sunset

Soillse

Is e com-pàirteachas rannsachaidh a tha ann an Soillse a thòisich a-mach eadar Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Ghlaschu is Oilthigh Dhùn Èideann, gus goireasan rannsachaidh a stèidheachadh aig ìre ro-innleachdail, a tha comasach air fianais, dearbhadh agus tuigse fhreagarrach a thoirt do phoileasaidhean poblach a bhios air an dealbhachadh airson ath-nuadhachadh a thoirt air cor na Gàidhlig ann an Alba. ure. On a chaidh a stèidheachadh tha riochdairean ùra air tighinn a-steach bho Oilthigh Cailleannach Ghlaschu, Oilthigh Heriot-Watt, Oilthigh Shrath Chluaidh agus Oilthigh Taobh an Iar na h-Alba.

Tha amasan dùbhlanach aig Soillse ri choileanadh agus feumaidh na com-pàirtichean acadaimigeach agus na buidhnean poblach eile obrachadh còmhla airson toraidhean a’ phròiseict a thoirt gu buil. Cuideachd tha na toraidhean agus na buannachdan ris a bheilear an dùil à obair rannsachaidh Shoillse a’ crochadh air ceanglaichean làidir agus ciallach a stèidheachadh le coimhearsnachdan Gàidhlig na h-Alba.

Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba a’ toirt taic dhan chom-pàirteachas bhon An Dùbhlachd 2017 airson an lìonradh a cho-òrdanachadh agus pròiseactan a leasachadh fad còig bliadhna a bharrachd. .

Amasan

Tha Soillse a’ toirt còmhla ghoireasan rannsachaidh agus chomasan rannsachaidh airson nam prìomh amasan seo:

Comasan rannsachaidh aig ìre eadar-nàiseanta a bheir taic agus stiùireadh do phoileasaidhean cànain aig ìre nàiseanta agus ionadail agus a chuireas taic ri oidhirpean airson ath-bheothachadh a thoirt air cànan is cultar nan Gàidheal.

Lìonradh chumhachdach a chruthachadh ann an Alba a tha a’ ceangal luchd-rannsachaidh is eòlaichean le comasan sònraichte ann an cuspairean Gàidhlig an latha an-diugh ri luchd-eòlais a tha a’ rannsachadh mhion-chànanan aig ìre eadar-nàiseanta.

Cuspairean Rannsachaidh

(a) Gàidhlig na cànain teaghlaich agus coimhearsnachd

(b) Gàidhlig ann am foghlam

(c) Poileasaidhean poblach ceangailte ri ath-bheothachadh na Gàidhlig

Làrach-lìn

http://www.soillse.ac.uk/en/

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578