SMO Generic Banner Image
Picture of staff member

An Dr Jacob King

Neach-rannsachaidh (Obair Dàta)
fios@ainmean-aite.scot
01471 888 120

Tuairisgeul pearsanta

Tha an Dr Jacob King ag obair aig Ainmean-Àite na h-Alba, com-pàirteachadh nàiseanta gus dreachan ceart de dh’ainmean-àite Gàidhlig a rannsachadh agus stèidheachadh airson mhapaichean, shanasan is cleachdaidh choitcheann. ’S ann aigesan a tha an obair rannsachaidh gus na h-amasan seo a choileanadh; tha e cuideachd an sàs ann a bhith leasachadh agus gleidheadh an stòir-dàta air-loidhne.

Tha Jake air a’ chomataidh airson Comann Ainmean-Àite na h-Alba agus mar phàirt den phannal lèirmheis airson an Journal of Scottish Name Studies, a thuilleadh air bhith na sgrìobhaiche de dh’iomadh artaigeil. O chionn ghoirid, mar phàirt de cho-bhonn eadar AÀA agus Dualchas Nàdair na h-Alba, bha e an sàs anns an leabhran A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre: Ainmean-Àite ann an Ìle agus Diùra, far an deach ainmean-àite bho eòlaichean na sgìre a chruinneachadh.

Teisteanas

PhD, Roinn na Ceiltis agus Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann, 2003-2008: ‘Goireasan Sgrùdaidh airson Eòlas Ainmean-Àite: Am measadh Aca air Eòlas Ainmean Uisge Albannach’.

Rannsachadh

Eòlas Ainmean Uisge Albannach, a’ gabhail a-steach ainmean Inbhir- agus Abar-; ainmean-àite Dhiùra; dòigh dèiligidh modhachd air stòran-dàta ainmean-àite; agus an rannsachadh ainm-àite aig Teàrlach M. Robasdan, sgoilear Gàidhlig nach maireann a dh’fhàg an t-uabhas leabhranan nach deach fhoillseachadh.

An Dr Jacob King
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578