Skip to content
Picture of staff member

An Dr Decker Forrest

Stiùiriche Prògraim – BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta

01471 888 320
Cunntas Rannsachaidh PURE

Tuairisgeul pearsanta

Tha Decker na Stiùiriche Phrògraman airson a’ cheum BA (le Urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig. ’S e pìobaire cliùiteach a th’ ann à San Diego, California bho thus, agus thòisich e a’ rannsachadh aig ìre for-cheum aig an Acadamaidh Rìoghail Ciùil is Dràma na h-Alba far an do lean e air gu bhith na stiùiriche airson foghlam acadaimigeach air am BA (Hons) Scottish Music, agus na Iar-cheannard air an roinn seo. Thòisich e anns an dreuchd aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2008, agus a’ bhliadhna as dèidh sin choisinn e DPhil bho Oilthigh Chill Rìmhinn. Bidh e a’ toirt òraidean gach bliadhna do dh’oileanaich aig an RCS agus aig Ionad Nàiseanta nam Pìobaireachd agus tha an rannsachadh aige gu sònraichte a’ buntainn air eitneòlas agus ceòl na pìoba. Chaidh a thaghadh le luchd-obrach gu Bòrd an t-Sabhail ann an 2022.

Teisteanas

  • BA (Oilthigh Redlands)
  • DPhil – Oilthigh Chill Rìmhinn / Royal Scottish Academy of Music and Drama

Rannsachadh

An eachdraidh, an leasachadh agus an eag-eòlas co-cheangailte ri ceòl Gàidhlig agus gu sònraichte ris a’ Phìob Mhòr. A’ cluich ceòl, stèidhichte air rannsachadh ann an ceòl traidiseanta. Eitneòlas coitcheann Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba.

Teagasg

Stiùiriche airson na modalan ciùil air fad (12) Lecturer –

  • Ànnas-Làimhe agus Òrain Ghàidhlig 1-4
  • Eachdraidh Ceòl na Gàidhlig
  • Riochdachadh a-reir Cuspair 4
  • Trachdas Ceuma

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578