
Aonghas S. MacLeòid
Cathraiche a' bhùirdTuairisgeul pearsanta
’S ann à Leòdhas, Uibhist a Deas agus an t-Eilean Sgitheanach a tha cuideachd Aonghais, ged a chaidh a thogail ann an Inbhir Nis, ann an dachaigh loma-làn de Ghàidhlig. Thug e mach ceumannan ann an Gàidhlig & poileataics, agus ann an lagh, agus tha e air a bhith na neach-lagha fad 20 bliadhna is còir, le sàr-eòlas air lagh corporra is seilbh inntleachdail. Tha ùidh aige ann an seinn, gu h-àraid an t-seann nòs, agus choisinn e dà Bhonn Òr aig am Mòd Nàiseanta Rìoghail. Chaidh e an lùib Bòrd-Stiùiridh an t-Sabhail an toiseach ann an 2014, agus tha e air a bhith na Chathraiche o 2017.
Fios a bharrachd
Ballrachdan Proifeasanta
- Comunn Lagha na h-Alba
- Institiùd Aiseig-Eòlais
- Institiùd nan Stiùirichean
- Comunn Rìoghail nan Ealain is Malairt
- Comunn nan Àrsairean an Albainn