
Donalda McComb
Iar-chathraiche , Bòrd Stiùiridh Sabhal Mòr OstaigTuairisgeul pearsanta
‘S ann à Bòrnais ann an Uibhist a Deas a tha Donalda McComb agus thogadh i ann an teaghlach agus coimhearsnachd le Gàidhlig. Thòisich a cùrsa-beatha teagaisg ann am Bun-sgoil Loch Baghasdail agus an uair sin Bun-sgoil Innis an Uillt ann an Drochaid an Easbaig. Chaidh a cur an dreuchd mar Cheannard air a’ chiad bhun-sgoil FMG a mhainn ann an Alba ann an 1999. Le adhartas luath ann am FtG ann an Glaschu, chaidh a cur an dreuchd mar Cheannard air àrainn Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu 3-18 ann an 2006 mus do leig i dhith a dreuchd ann an 2020. Tha Donalda air air a bhith an sàs fad a dreuchd foghlaim ann an leasachadh poileasaidh agus cleachdadh FtG a bharrachd air a bhith a togail ìomhaigh na Gàidhlig air feadh Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.