
Eilidh Grant
Neach-taic Clàraidh01471 888 304
Tuairisgeul pearsanta
Tha Eilidh ag obair air inntrigeadh nan oileanach, a’ bruidhinn ri daoine aig a bheil ùidh ann an cùrsaichean làn-ùine aig a’ Cholaiste, a’ dèiligeadh le iarrtasan, clàradh, comharran oileanach, clàran-ama agus rudan eile ceangailte.
Teisteanas
BA Gàidhlig & Na Meadhanan (Sabhal Mòr Ostaig)
Fios a bharrachd
‘S ann à Gleann Urchadain a tha Eilidh agus chaidh i tro Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Nis. Thàinig i gu Sabhal Mòr Ostaig an toiseach mar oileanach ann an 2003 agus bha i an dùil a bhith ann dìreach airson bliadhna, ach chord e rithe cho mòr ‘s gun do rinn i cùrsa ceum. Thòisich Eilidh a h-obair aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2006.
Taobh a-muigh air a h-obair, tha Eilidh an sàs le Urras Choimhearsnachd Slèite, Talla Àird a’ Bhàsair agus Sleat Food Shed. Bidh i cuideachd a’ teagasg Dannsa Gàidhealach agus Highland Hustle – clas eacarsaich spòrsail!