

Gordon Wells
Manaidsear Pròiseict01471 888 559
Tuairisgeul pearsanta
Bha mi nam thidsear sna h-Innseachan agus ann an Iapan mus do thòisich mi ag obair ann am Breatainn aig Birmingham Industrial Language Training Services sna h-Ochdadan. Às dèidh dhomh MSc ann an Applied Linguistics fhaighinn ann an Oilthigh Dhùn Èideann, bha mi nam òraidiche sna colaistean ann an Cille Mheàrnaig agus Bruach Chluaidh mus tàinig mi a Bheinn na Faoghla. An uair sin, ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig ach stèidhichte sna h-Eileanan Siar, bha mi an sàs ann an diofar phròiseactan ionadail agus eadar-nàiseanta a bhios a’ dèiligeadh ri leasachadh cànain agus rannsachadh. Bidh iad uile a’ tighinn còmhla ann an dòigh a tha ciallach dhan choimhearsnachd sa bheil mi a’ fuireach anns a’ phròiseact agus làrach-lìn air a bheil an t-ainm Guthan nan Eilean.
Tha am pròiseact sin fhathast beò aig ìre shaor-thoileach, ged a tha mi fhèin a-nis nam Mhanaidsear Pròiseict aig Soillse. Tha mi air a bhith nam sgrìobhaiche agus nam fhear-comhairle dhan Institute of Linguists, SCOTVEC, a’ BhBC agus a’ Bhritish Council am measg bhuidhnean eile. Tha mi air a bhith nam cho-òrdanaiche, o 2005, airson an t sreath de phròiseactan Eòrpach POOLS/TOOLS, a tha a’ feuchainn ri innealan-, stuthan- agus dòighean-teagaisg airson luchd-ionnsachaidh cànain a leasachadh agus a bhrosnachadh le cuideachadh bho theicneòlas ùr. Cuideachd, tha mi air pròiseactan rannsachaidh a dhèanamh nam choimhearsnachd fhèin tron lìonradh Soillse.
Teisteanas
- MSc Applied Linguistics, University of Edinburgh, 1986-1987
- PDESL (incl. PGCE), University of Leeds, 1982-1983
- BA (Hons), Language with Linguistics, University of York, 1975-1979
Rannsachadh
Tha ùidh agam ann an ionnsachadh cànain, dà-/ioma-chànanachas agus na meadhanan ùra.