Skip to content
SMO Generic Banner Image
Picture of staff member

Jo NicDhòmhnaill

Iar-Chathraiche, Bòrd Stiùiridh Shabhal Mòr Ostaig


Tuairisgeul pearsanta

’S ann a Leòdhas a tha Jo, ged a tha a dachaigh an-diugh san Eilean Sgitheanach. Chuir i iomadh bliadhna seachad ag obair do Roinn na Gàidhlig aig a’ BhBC, le ùidh shònraichte ann am prògraman aithriseach is foghlaim. Mus do dh’fhàg i aig deireadh 2008, bha i na manaidsear agus na h-àrd neach-deasachaidh air seirbheisean Gàidhlig a’ BhBC. Bidh Jo fhathast a’ craoladh bho àm gu àm, ach mar as trice, tha i ag obair mar cho-chomhairliche, rannsaiche, sgrìobhaiche agus eadar-theangadair neo-eisimeileach. Tha i na ball de bhòrd-stiùiridh MG ALBA, na h-urrasair air Urras Shomhairle MhicGill-Eain agus air Urras MhicCaoig. Tha i cuideachd na Cathraiche air a’ Chomataidh Chomhairleachaidh Chànain a stèidhich Bòrd na Gàidhlig.