Tuairisgeul pearsanta
Tha Shona NicCarmaig a’ stiùireadh a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam agus tha i cuideachd na h-oide air PGDE (Slighe Ghàidhlig) againn. ’S ann à Dùnbheagan san Eilean Sgitheanach a tha Shona, agus chuir i seachad iomadach bliadhna mar thidsear Gàidhlig agus mar Phrìomh Thidsear Stiùiridh ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. Tha eòlas cuideachd aig Shona air stuthan-taic agus stuthan-measaidh a chruthachadh agus tha ùidh mhòr aice ann an òrain Ghàidhlig agus cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil.
Teisteanas
MA (le Urram) ann an Gàidhlig is Beurla (Oilthigh Ghlaschu); PGCE (àrd-sgoile) ann an Gàidhlig is Beurla
Teagasg
UQ509840: Clann agus an Ionnsachadh UQ509841: Greisean-sgoile 1 (Stiùiriche) UQ510854: An Neach-dreuchdail Breithneachail agus Feòrachail (Stiùiriche) UQ510854: Greisean-sgoile 2 (Stiùiriche) UX110005: Practas Proifeasanta (PGDE – àrd-sgoil)
Fios a bharrachd
Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba/GTC Scotland