Skip to content
Picture of staff member

Sìne Ghilleasbuig




Tuairisgeul pearsanta

Buinidh Sìne do Leòdhas agus Ìle, ach is ann anns an Eilean Sgitheanach a tha i air a bhith fuireach fad iomadh bliadhna.  Còmhla ri teaghlach tha i an-diugh a’ fantail air croit a cèile ann an Stafainn.  Tha Gàidhlig air a bhith cudromach dhi na beatha-obrach agus na beatha phearsanta.

B’ ann aig Fearann Eilean Iarmain a fhuair i a ciad dreuchd Gàidhlig.  An-diugh is ann do Chomunn na Gàidhlig a tha i ag obair.  Bidh Sìne an sàs ann an leasachadh choimhearsnachd agus i na stiùiriche air Urras An Taobh Sear.  Bha i dà thuras na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig.  Is e an rud as prìseile leatha, dualchas is dùthchas nan Gàidheal – agus a’ choimhearsnachd a tha co-cheangailte ris.    Chaidh Sìne an lùib Bòrd-stiùiridh Shabhal Mòr Ostaig ann an 2015.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578