
Viktoria Marker
Òraidiche ann an Gàidhlig agus cuspairean co-cheangailte07799 598187
Tuairisgeul pearsanta
A bharrachd air a bhith a’ teagasg air a’ chùrsa Gàidhlig 3 an semester seo, tha mi gu bhith ag obair air a’ phròiseact ‘SpeakGaelic’. Bidh cuideachd cothrom ann obair air modalan agus pròiseactan eile tron bhliadhna sgoileireil.
Teisteanas
MA(Hons) (Glaschu), MPhil (Glaschu)
Rannsachadh
- Litreachas na Gàidhlig ann an Astralàisia | Gaelic literature in Australasia
- Litreachas na Gàidhlig ann an Ìmpireachd Bhreatainn | Gaelic Literature in the British Empire
- Colonachd luchd-tuineachaidh | Settler Colonialism
- litreachas eilthireach | Emigrant literature
- cunntasan-beatha agus fèin-eachdraidhean Gàidhealach | Gaelic biographies and autobiographies
- dòighean-obrach tùsanach | Indigenous methodologies
Co-obrachadh rannsachaidh
- “Air fhògair is air fhalbhan: òrain Ghàidhlig à Astralàisia”, film-goirid, Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig, Oilthigh Ghlaschu (ga chur air bhog 28mh an t-Sultain 2021)
- “Exploring multi-disciplinary approaches to Indigenous methodologies: Scotland and beyond” co-labhairt oileanach iar-cheumnach, Ògmhios 2021
- “Slighe òran Gàidhlig”, pròiseact coimhearsnachd Ghlaschu Bheò (2019) | ‘Gaelic Song Trail’, Glasgow Life community project (2019).
Oileanaich rannsachaidh
Chuirinn fàilte air ceistean bho dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith a’ dèanamh ceum rannsachaidh air
- litreachas na Gàidhlig san 19mh agus 20mh linn
litreachas Gàidhlig agus coimhearsnachdan Gàidhealach thall thairis
Teagasg
Gàidhlig 3 (Neach-teagaisg)
Fios a bharrachd
Tha mi cuideachd a’ dèanamh PhD aig Oilthigh Ghlaschu an-dràsta is mi sa bhliadhna mu dheireadh den cheum. Tha an tràchdas agam a’ dol an sàs ann an litreachas na Gàidhlig à Astralàisia (1840 gu 1940).