cùrsaichean goirid an t-samhraidh 2024
Mòran taing dhan a h-uile duine a thàinig air na Cùrsaichean Goirid as t-samhradh agus abair samhradh a bh’ ann!
Tha sinn an-dràsta ag obair air a’ phrògram airson samhradh 2024, agus cuiridh sinn na cùrsaichean an seo cho luath ‘s a thèid an dearbhadh.
Bidh Cùrsaichean Goirid Samhraidh na h-ath bhliadhna a’ ruith bho 24 Ògmhios gu 16 Lùnastal 2024.
Anns an eadar-ama, faodaidh tu sùil a thoirt air Cùrsaichean Geamhraidh 2023–24 agus na Cùrsaichean Càisge againn airson 2024.
CÙRSAICHEAN GOIRID AN T-SAMHRAIDH 2024: 24 ÒGMHIOS – 16 LÙNASTAL
Airson fios air Susbaint a’ Chùrsa aig gach Ìre Gàidhlig, cliog air na ceanglaichean gu h-ìosal:
Gàidhlig Ìre 1 | Gàidhlig Ìre 2 |
Gàidhlig Ìre 3 | Gàidhlig Ìre 4 |
Gàidhlig Ìre 5 | Gàidhlig Ìre 6 |
Gàidhlig Ìre 7 | Gàidhlig Ìre 8 |
Gàidhlig Ìre 9 | Gàidhlig Ìre 10 |
Gaelic Level Equivalences |
Àite-fuirich
Thèid àite-fuirich a thabhann air an àrainn a-rithist (ma bhios sin ri fhaighinn) aig àm na Càisge agus san t-Ògmhios, san Iuchar agus san Lùnastal. Faodaidh tu cuideachd àite-fuirich taobh a-muigh na làraich a chur air dòigh nam b’ fhearr leat. Faodaidh daoine campachadh air an làraich ach thoir an aire nach e làrach campachaidh oifigeil a th’ annainn agus tha na goireasan againn cuibhrichte. Gheibhear fiosrachadh slàn air an duilleag Àiteachan-fuirich againn.
Sabhal Mòr Ostaig
’S e Sabhal Mòr Ostaig an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ’s e an aon ionad Foghlam Àrd-ìre is Leantainneach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainn bhogaidh bheairteach. Ann an 2023, bidh sinn a’ comharrachadh 50 bliadhna bhon a thòisich sinn, 15 bliadhna mus deach a’ chiad ionadan bun-sgoile a bha a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann an Alba. An-diugh, ’s e Sabhal Mòr Ostaig am fastaiche as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig san t-saoghal.