The way forward.

banner-an-t-slighe-air-adhart

Seminear Shabhal Mòr Ostaig ann an co-bhonn le Oilthigh Dhùn Èideann agus Obar Dheathain mun Ghàidhlig san àm ri teachd

Cathraiche: An Dr Gillian Rothach, Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig

Pannal: Art MacCarmaig, Michelle NicLeòid. Stiubhart Dunmore, Ciorstaidh NicDhùghaill, Wilson MacLeòid, Agnes Rennie, Fiona Dunn, Dòmhnall MacGilleMhoire, Dòmhnall MacNèill agus Ailean Caimbeul.

Bithear a’ beachdachadh air na cuspairean cudthromach a leanas:

  • Dè tha ag obair ann an iomairt na Gàidhlig an-dràsta, agus ciamar a thèid togail air an t-soirbheas seo anns an àm ri teachd?
  • Ciamar a thig sinn còmhla gus na diofar choimhearsnachdan Gàidhlig againn uile a neartachadh?
  • Ciamar a thogas sinn iomairt airson na Gàidhlig a bhios an dà chuid fosgailte agus eugsamhail?

Cuin?

Dihaoine 14mh am Faoilleach 2022

10:00 – 13:00 GMT

Càite?

Air-loidhne

Airson àite a ghleidheadh?

Faodaidh sibh àite a ghleidheadh airson an tachartas (an-asgaidh) seo air eventbrite le bhith bruthadh an seo.