Gàidhlig Ìre 3 – Air-loidhne: 09 Iuchar 2024
Bidh an cùrsa Gàidhlig Ìre 3 air-loidhne freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach ìosal agus a tha comasach air còmhradh a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:
- an tràth theachdail den ghnìomhair ‘bi’;
- agus structaran ùra den leithid ghnàthasach, àithneach, tuairisgeulach agus cheangalach.
Bidh cothrom ann cuideachd do luchd-ionnsachaidh leudachadh air an cuid eòlais air na diofar tràthan agus air ro-riochdairean.
Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.
Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu shusbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 2 (Aonad 7–8)
SCQF 4 – SQA Ìre Choitcheann Àbhaisteach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)
SCQF 5 – SQA Ìre Choitcheann Creideas Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)
Clàr-ama na seachdaine:
Bidh an cùrsa a’ dol thar trì latha – Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin – is trì clasaichean air Zoom gach latha aig na h-amannan a leanas:
- 09:30 – 10:45
- 11:15 – 12:30
- 13:30 – 15:00
Far as urrainnear, cha bhi ach ochdnar sa chlas seach 12 mar as àbhaist.

