Skip to content
Picture of SMO campus from above

AN ÀRAINN

Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh ann an 1973 ann an seann sabhal ann an Ostaig gus cur ri ath-bheothachadh cànan is cultar na Gàidhlig.

‘S e Ionad Iain Nobail a’ chiad togalach sa phròiseact ùr ‘Leasachadh Baile na Cille Bige’ agus chaidh fhosgladh gu h-oifigeil anns an Dàmhair 2015 le Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon BPA. Air a thogail airson Obair Sgoilearach, Rannsachaidh, Aiseag Eòlais agus Tionnsgalachd, tha an togalach air ainmeachadh air Sir Iain Nobail nach maireann, fear a bha gu mòr an sàs ann a bhith a’ stèidheachadh na Colaiste.

Mar thoradh air iomairt na Cille Bige, chaidh a’ chiad ‘baile ùr’ a chruthachadh san Eilean Sgitheanach o chionn cha mhòr 100 bliadhna, agus tha sin na chlach-mhìle chudromach ann an eachdraidh an eilein. Cuideachd, togaidh e air a’ bhuaidh a tha air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig air eaconamaidh is beatha muinntir na sgìre bho chaidh a stèidheachadh le Sir Iain Nobail ann an 1973.

An lùib ìrean eile den Mhòr-phlana, thathar an dùil diofar sheòrsaichean taigheadais, ionadan reic is gnìomhachais, taigh-òsta is goireasan spòrs is cur-seachad a thogail don t-Sabhal Mhòr agus don choimhearsnachd mu thimcheall.

DÈ THA DOL SAN SGÌRE?

CÙRSAICHEAN CÀNAIN

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578