Skip to content
Sabhal Mòr Ostaig

Sabhal Mòr Ostaig
Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig

Stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ’s e Sabhal Mòr Ostaig an aon ionad Foghlam Àrd-ìre is Leantainneach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainn bhogaidh bheairteach.

Bidh daoine a’ tighinn thugainn às iomadh ceàrnaidh den t-saoghal airson eòlas is ionnsachadh air leth tron Ghàidhlig, eadar cùrsaichean do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus rannsachadh PhD, an dà chuid air làrach na Colaiste agus air astar. Tha cothrom ann don a h-uile duine air an àrainn againn leis na cùrsaichean is oidean barraichte. Dè an còrr a dh’iarradh tu? Thig a chèilidh oirnn ann an Slèite far an cur thu fhèin eòlas oirnn!

Clasaichean oidhche Air-loidhne

Bidh na clasaichean oidhche air-loidhne a’ tòiseachadh anns an Dàmhair, agus bidh iad a’ gabhail àite tro Zoom.

CÙRSAICHEAN CÀNAIN

Às bith càit a bheil thu san t-saoghal, tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh còmhla rinn.

CÙRSAICHEAN FO-CHEUM

Cùrsaichean ceuma uile air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

CÙRSAICHEAN FOR-CHEUM

Prògraman for-cheum eadar ceuman maighstireachd fad bliadhna agus cothroman PhD.

CÙRSAICHEAN AIR ASTAR

Às bith càit a bheil thu san t-saoghal, tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh còmhla rinn.

CÙRSAICHEAN GOIRID

Cùrsaichean Goirid air an làraich agus air-loidhne ann an Gàidhlig, ceòl agus cultar.

ÀITE-FUIRICH

BEATHA OILEANAICH

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578