
A’ TADHAL AIR A’ CHOLAISTE
Bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ cur fàilte air diofar bhuidhnean tron bhliadhna aig a bheil ùidh ann an obair agus feallsanachd na Colaiste. Tha sinn air fàilte a chur air luchd-tadhail bho gach ceàrn den t-saoghal. Tha a leithid Madame Tan Xiutan bhon Chonsul Shìonach, Tessa Jowell BP, Danny Alexander BP agus ar seann charaidean na Sámi air tighinn a chèilidh oirnn.
Cuiribh post-d thugainn aig ma tha sibh airson a thighinn a chèilidh oirnn.
Beachdan Luchd-tadhail
“Tha mi a’ sgrìobhadh thugaibh airson taing mhòr a thoirt dhuibh airson na fàilte cridheil is an stiùiridh a thug sibh dhuinn nuair a thadhail sinn air an stiùidio agaibh. Bu mhath leam gu sònraichte an cothrom air stiùireadh TBh a dhèanamh, rud nach do rinn mi o chionn fhada an dèidh ceum ann an Riochdachadh TBh fhaighinn ann an 1996. Tha mi air riochdachaidhean ENG a dhèanamh ach ‘s gann gum bi mi ag obair nam Stiùiriche, nam shuidhe sa chathair stiùiridh.”
“Bha na goireasan san stiùidio air leth math agus bha e math nach robh ach mu ochdnar clàraichte airson trèanadh. Bha an taisbeanadh leis a’ chòmhlan-chiùil às an roinn eile den cholaiste air leth math cuideachd. Tha mi air a bhith ag èisteachd ris a’ cheòl aca air a’ CD a thug sibh dhuinn.”
“Is mise Lawrence à Coventry University. Tha mi airson taing mhòr a thoirt dhuibh airson cothrom a thoirt dhomh airson tadhal air a’ cholaiste agaibh. Bha an turas fhèin anabarrach math agus bha e math gun d’ fhuair mi cothrom gus an stiùidio TBh agaibh fhaicinn agus pàirt a ghabhail ann an clàradh prògraim. Tha sibh air turas math agus gàirdeachas a thoirt dhomh, taing mhòr airson nan gibhtean, bidh cuimhne agam orra gu bràth. Tapadh leibh.”
“Ar dtús báire, ar son an ghrúpa Aonach Mhacha as Ard Mhacha, ba mhaith liom ár mbuíochas a chur in iúl as an fháilte chroíúil a cuireadh romhainn agus sinn ar cuairt ar Shabhal Mòr Ostaig. First of all, on behalf of the Aonach Mhacha group in Ard Mhacha I would like to express our sincerest thanks for the superb hospitality that we received during our visit to Sabhal Mòr Ostaig.”
“Tá ard-áiseanna agaibh ag Sabhal Mòr agus thuig muid go raibh paisean agus díogras ag na baill foirne ar bhuail muid leo don Ghàidhlig, do chultúr na Gàidhlige agus don oideachas lán-Ghàidhlige, rud a chuaigh go mór i bhfeidhm orainn uilig.”