Skip to content

CÙRSAICHEAN CÀNAIN

A bheil ùidh agad ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig, litreachas na Gàidhlig, foghlam, leasachadh, eachdraidh, dualchas, ceòl, ealain no cultar? Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann chothroman air an àrainn agus air astar aig gach ìre – bho chùrsaichean Gàidhlig do luchd-tòiseachaidh gu cùrsaichean airson fileantaich.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na cùrsaichean seo gu h-ìosal, ach na bi diùid fios a chuir thugainn ma tha ceist sam bith agad aig:

CÙRSAICHEAN GOIRID, AIR-ASTAR AGUS AIR AN LÀRAICH

A bheil thu airson Gàidhlig ionnsachadh gu luath? No am bu toigh leat gabhail air do shocair? Tha SpeakGaelic a’ tabhann rudeigin airson a h-uile duine. Is urrainn dhut ionnsachadh sa chlas, tro phrògraman TBh, podcastan no aig an astar agad fhèin, air-loidhne.

Is dòcha gum b’ fheàrr leat oideachadh aghaidh-ri-aghaidh air an àrainn no air-loidhne – bidh Cùrsaichean Goirid Sabhal Mòr Ostaig gan cumail gach bliadhna thar saor-làithean na Càisge agus an t-samhraidh agus a ruith cùrsaichean do gach comas cànain bho Ìre 1 gu Ìre 10, a bharrachd air taghadh de chùrsaichean ann an ceòl, na h-ealain, eachdraidh agus cultar.

CÙRSAICHEAN GOIRID

Cùrsaichean Goirid air an làraich agus air-loidhne ann an Gàidhlig, ceòl agus cultar. An dòchas gum faic sinn a dh’aithghearr thu!

SPEAK GAELIC

Bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann cùrsaichean cànain SpeakGaelic a-rithist, aghaidh ri aghaidh mar chlasaichean coimhearsnachd, a’ tòiseachadh anns a’ Ghearran 2023

LUCHD-TÒISEACHAIDH, AIR-ASTAR

Ma tha thu ùr don Ghàidhlig agus a’ coimhead airson rudeigin le structar pàirt-ùine, tha sinn a’ moladh An Cùrsa Inntrigidh, a tha na chùrsa air astar le taic airson luchd-tòiseachaidh agus luchd-ionnsachaidh le beagan Gàidhlig.

Ma tha deagh eòlas agad air a’ chànan mu thràth, bidh sinn a’ tabhann chùrsaichean air astar leithid An Cùrsa Adhartais, a bheir luchd-ionnsachaidh gu cùrsaichean oilthigh san dàrna bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig.

AN CÙRSA INNTRIGIDH

Tha An Cùrsa Inntrigidh na chùrsa Gàidhlig air astar airson luchd-ionnsachaidh a th’ aig an fhìor thoiseach, no aig a bheil beagan Gàidhlig mar-thà. Tha e stèidhichte air leasachadh

CertHE AN CÙRSA ADHARTAIS

Cùrsa stèidhichte aig ìre an luchd-ionnsachaidh a tha ag amas air fileantachd. Tha e na chùrsa air astar fad dà bhliadhna, mar as trice, a tha gu ìre mhòr co-ionann ris a’ Chùrsa Chomais aig an t-Sabhal Mhòr

LUCHD EADAR-MHEADHANACH/FILEANTA – CÙRSAICHEAN AON BHLIADHNA, AIR AN ÀRAINN

Dhaibhsan a tha airson Gàidhlig ionnsachadh air an àrainn, ’s e cùrsa bogaidh aon-bhliadhna, chom-pàirteachail agus eadar-ghnìomhach a th’ anns a’ Chùrsa Comais. Coltach ris a’ Chùrsa Adhartais, bheir an duais aig deireadh na bliadhna cothrom dhut faighinn a-steach do na cùrsaichean ceuma againn san dàrna bliadhna.

Mas e neach-labhairt fileanta Gàidhlig a th’ annad a tha airson Gàidhlig ionnsachadh gu ìre proifeasanta ann an àrainneachd làn Ghàidhlig, tha sinn a’ moladh ar cùrsa aon-bhliadhna, Gàidhlig agus Conaltradh.

CertHE AN CÙRSA COMAIS

’S e cùrsa practaigeach gràmair, air a dhealbhadh airson luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach a tha ag amas air fileantachd sa Ghàidhlig, a th’ ann an CertHE An Cùrsa Comais.

CertHE GÀIDHLIG IS CONALTRADH

Tha CertHE Gàidhlig is Conaltradh na chùrsa dian, bogaidh fad bliadhna ga amas air oileanaich a tha reusanta fileanta agus a tha ag iarraidh piseach luath

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578