
CEISTEAN CUMANTA
Ma chuireas tu fios thugainn, faodaidh sinn mòran de na ceistean agad a fhreagairt mus tig thu. Ach seo agad feadhainn de na ceistean as cumanta a tha ann mu bheatha aig Sabhal Mòr Ostaig.
1. A bheil thu a’ gealltainn gum bi àite-fuirich agam?
Cho luath ‘s a thèid àite làn-thìde air a’ chùrs’ a thaghadh an t-oileanach a thabhann, tha sinn a’ gealltainn gum bi àite-fuirich ann.
2. Am bu chòir dhomh aodach-leapa is searbhadairean agam fhìn a thoirt leam?
Faodaidh tu, ach cha ruig thu leas. Gheibhear aodach-leapa is searbhadairean bhon Cholaiste, is thèid seòmraichean a ghlanadh turas gach seachdain.
3. A bheil bùth air àrainn na Colaiste?
Tha, is e a’ reic uidheam-sgrìobhaidh, leabhraichean cùrsa is rudan riatanach eile. Tha bùth bheag a’ reic biadh is gròsaireachd dìreach dà mhìle bhon Cholaiste. Tha bùth mhòr anns a’ bhaile mhòr as fhaisge oirnn, an t-Ath Leathann.
4. A bheil ATM aig a’ Cholaiste?
Tha, tha e ri lorg taobh a-staigh a phrìomh doras aig ACC.
5. A bheil club nan oileanach ann?
Tha bàr aig a’ Cholaiste a tha fosgailte aig diofar amannan tron t-seachdain, agus airson chèilidhean, sheiseanan-ciùil agus thachartasan eile. Tha togalach ann, an urra ri Comann nan Oileanach, a dh’fhaodadh oileanaich a chleachdadh is a chumail mar gur ann leotha fhèin is a tha e.
6. Dè chosgas e a bhith a’ fuireach air àrainn na Colaiste?
Bidh na h-àiteachan-fuirich agus biadh a’ cosg £5,400 airson na Bliadhna Acadaimigich 2023/24. Gheibhear am barrachd fios mu cosgaisean airson àite-fuirich an seo.
7. An tèid agam air an t-eadar-lìon fhaighinn?
Thèid. Faodaidh oileanaich an t-eadar-lìn a chleachdadh aig àm sam bith oir tha Wi-Fi ri fhaighinn an-asgaidh anns na seòmraichean aca, is tha àite-ceangail anns gach seòmar cuideachd. Tha Complannan na Colaiste fosgailte bho 9m gu 11f gach latha.
8. Càite am faigh mi srùbag?
Tha seòmraichean suidhe le TBh, inneal DBhD agus cidsin beag anns, no faisg air, gach togalach-fuirich. Gheibhear coire ann am feadhainn de na seòmraichean-cadail cuideachd. A bharrachd air an seo, faodar srùbag a cheannachd aig bùth na colaiste neo anns an Cafaidh Ostaig.
9. Am bi àite gu leòr ann airson a’ chàir agam, no a’ bhaidhsagail agam?
Bithidh. Tha àiteachan-parcaidh gu leòr ann aig a’ Cholaiste. Chuir Sabhal Mòr Ostaig sgeama baidhseagail air dòigh bho chionn greiseag agus tha sinn a’ tabhann ghoireasan stòrais airson baidhsagalan.
10. A bheil fònaichean-làimhe ag obair an sin?
Tha!
11. Am bidh agam ri mo sheòmar fhàgail aig àm sam bith?
Bidh agad ri do sheòmar fhàgail aig àm a’ Chàisg agus aig àm Nollaig. Ma tha sibh sa chiad bliadhna, bidh agad ri do sheòmar fhàgail cuideachd ma tha sibh dol air Greis Gnìomhachais – ach ma tha sibh ga dhèanamh san sgìre fhèin.
12. A bheil Neach-glèidhidh air an làrach?
Tha neach-glèidhidh air an làrach agus faodar greim fhaighinn air 24/7.
13. Chan eil an seòmar agam a’ còrdadh rium.
Ma tha thu airson gluasad gu seòmar eile, feumar bruidhinn ris an Manaidseir Aoigheachd gus fuasgladh fhaighinn. ‘S dòcha nach bi e comasach do ghluasad ach thig a’ bhruidhinn rinn co-dhiù.
14. Dè nì mi ma chailleas mi an iuchair/Fob agam.
Ma chailleas tu an am Fob agad, thig dhan Ionad-Fàilte airson fear eile. Tha cosgais de £20 ann airson Fob ùr. Ma chailleas tu e tron oidhche, feumaidh tu greim fhaighinn air an neach-glèidhidh.
15. Càite am bi mi ag ithe mo bhiadh?
Bidh am biadh air fad san t-Seòmar Bidh ann an Àrainn Chaluim Chille, ach tha Café IIN ann cuideachd far am faighear brot, ceapairean, cofaidh is bèicearachd tron latha.
16. Tha feumalachdan sònraichte agam a thaobh biadh.
Tha àite air am foirm-iarrtais àite-fuirich far as urrainnear fiosrachadh sam bith a tha iomchaidh a’ sgrìobhadh. Feuchaidh sinn ri do chuideachadh ri rud sam bith.