Skip to content
Picture of rock climber

BEATHA SAN EILEAN

‘S e fear de na h-eileanan as motha ann an Innse Gall a th’ anns an Eilean Sgitheanach, agus bidh e gu tric a’ nochdadh air liostaichean de na h-àitaichean as fheàrr san t-saoghal le luchd-turais – cliù air a bheil e airidh.

 
’S ann an Slèite, air neo ‘Lios an Eilein’, ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich a tha Sabhal Mòr Ostaig stèidhichte. Bidh oileanaich a’ tighinn thugainne airson eòlas a chur air àite làn-Ghàidhlig is iad air an cuairteachadh le cuid de na seallaidhean as àille ann an Alba.
 
’S e àite sàbhailte is càirdeil a th’ ann an Slèite, le seallaidhean àibheiseach ann air Malaig is Cnòideart agus den Chuiltheann san iar-thuath. 

Tha ainm is cliù aig an Eilean Sgitheanach airson biadh math, fiadh-bheatha agus cur-seachdan air a’ bhlàr a-muigh, a bharrachd air cultar air leth agus ceòl, òrain is beul-aithris am pailteas. Tha cothroman spòrs gu leòr anns an eilean agus clubaichean ball-coise is iomain cho math ri balla-sreap ùr. 

Tha goireasan bunaiteach ann faisg air an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar ann an Slèite leithid gym na Colaiste, bùth is Oifis a’ Phuist ann an Armadal, garaids, ionad-dotair agus bun-sgoil Ghàidhlig.

Tha an t-Àth Leathann mu 14 mìle gu tuath, far a bheil bùithtean, taighean-seinnse, taighean-bìdh, bùth mhòr a’ Cho-op, Ospadal an Àth Leathainn, bùth-cheimigeir agus goireasan eile. 

Tha ceanglaichean còmhdhail ann cuideachd – tha drochaid an Eilein mu 25 mionaid air falbh ann an càr, agus tha bàt’-aiseig ann eadar Armadal (dà mhìle bho làrach Shabhal Mòr Ostaig) agus Malaig, far am faighear trèana is bus gu deas is gu sear. 

Bidh busaichean a’ siubhal gu cunbhalach air feadh an Eilein, gu Port Rìgh, (prìomh bhaile an Eilein Sgitheanaich) agus Caol Loch Aillse, far a bheil stèisean-rèile le ceangal gu Inbhir Nis, far a bheil am port-adhair as fhaisge, agus air adhart don chòrr den dùthaich.

’S e àite air leth a th’ anns an Eilean Sgitheanach cuideachd airson a dhol air adhart is eòlas a chur air na h-eileanan eile, le bàtaichean-aiseig ann gu Ratharsair, Uibhist a Tuath is na Hearadh. 

Gheibh oileanaich eòlas cultarail is ionnsachaidh gun choimeas anns an ionad shònraichte againn anns an Eilean Sgitheanach. 

BEATHA OILEANAICH

SEIRBHEISEAN OILEANAICH

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578