Skip to content
Clas CertHE Gàidhlig is Conaltradh / CertHE Gaelic and Communication class

Foghlam na Gàidhlig: An-dè, An-diugh, agus A-màireach 

15, 16, 17 ÒGMHIOS 2023

Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach

Gus leth-cheud bliadhna a chomharrachadh bho chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh, tha sinn a’ sireadh thabhartasan airson co-labhairt mu fhoghlam na Gàidhlig, gus muinntir oilthigh, luchd-foghlaim, muinntir choimhearsnachdan, agus iadsan aig a bheil ùidh ann am foghlam na Gàidhlig a thoirt còmhla. Tha sinn an dòchas gur e cothrom a bhios ann gus foghlam na Gàidhlig anns an t-seagh as fharsainge a rannsachadh agus a dheasbad; gus dùbhlain agus deagh chleachdaidhean a chompàirteachadh agus a sgrùdadh; agus gus thighinn còmhla a bheachdachadh mu cò ris a dh’fhaodadh foghlam na Gàidhlig a bhith coltach anns an àm ri teachd, agus cò ris am bu chòir dha a bhith coltach.

Cuiridh sinn fàilte air tabhartasan de phàipearan, bùird-chruinn, postairean, bùithtean-obrach, agus seiseanan practaigeach eile bho sgoilearan, luchd-teagaisg, oileanaich, agus luchd-foghlaim de gach uile seòrsa.

Am measg nan cuspairean a tha fa-near dhuinn tha:

  • foghlam sgoile, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, foghlam dà-chananach, foghlam-bogaidh anns an fharsaingeachd;
  • foghlam ann an suidheachaidhean eile de chànanan Ceilteach no mion-chànanan;
  • foghlam aig an treas ìre;
  • dòighean-teagaisg bogadh sa chànan agus dòighean-teagaisg eile;
  • goireasan-foghlaim agus stuthan-teagaisg eile;
  • curraicealaman agus measaidhean;
  • ìrean fileantachd, ìrean cainnte, agus dùbhlain cheudna;
  • dreuchd theaghlaichean agus choimhearsnachdan ann am foghlam na Gàidhlig;
  • foghlam bho sgoiltean-àraich gu ruige foghlam inbheach;
  • foghlam air-loidhne;
  • foghlam cultarach agus foghlam stèidhichte ann an àiteachan sònraichte;
  • foghlam ciùil;
  • foghlam mì-fhoirmeil agus foghlam coimhearsnachd;
  • eachdraidh foghlam na Gàidhlig agus foghlam air a’ Ghàidhealtachd;
  • dùbhlain agus cothroman Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

A thuilleadh air na cùisean acadaimigeach fhèin, tha sinn an dòchas seiseanan agus bùithtean-obrach a chur air dòigh a bhios feumail dha tidsearan agus dha luchd-foghlaim eile cho math ri daoine anns na h-oilthighean agus anns na coimhearsnachdan.

Cuir tagradh thugainn aig