Skip to content

DÈ THA DOL SAN SGÌRE?

Tha an duilleag seo ag amas air daoine a tha a’ fuireach san Eilean Sgitheanach no faisg air làimh is anns a bheil ùidh ann an clasaichean Gàidhlig air neo tachartasan coimhearsnachd aig Sabhal Mòr Ostaig no anns an sgìre.

Ma tha beachd agad air clasaichean no tachartasan anns am biodh ùidh agad, nach leig thu fios dhuinn an seo.

Faic gu h-ìosal na tha dol!

BLASAD GÀIDHLIG DO LUCHD-IONNSACHAIDH

Tha Sabhal Mòr Ostaig is Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil toilichte a bhith ag obair còmhla gus sreath de chlasaichean coimhearsnachd a thabhann aig a’ Chrùbh, a’ tòiseachadh le blasad de cheithir sheachdainean san t-Samhain. Bidh na clasaichean seo ag amas air luchd-ionnsachaidh aig ìre fhìor-thòiseachaidh agus iad a’ cleachdadh ghoireasan SpeakGaelic.

13:30 – 13:00 gach Diardaoin (fad ceithir seachdainean)
02.11.23 – 23.11.23

SPEAKGAELIC A1: LUCHD-TÒISEACHAIDH LE BEAGAN GÀIDHLIG

Tha Sabhal Mòr Ostaig toilichte innse gum bi clasaichean coimhearsnachd SpeakGaelic A1 a’ tòiseachadh a-rithist le bloc beag de cheithir sheachdainean air làrach na Colaiste san t-Samhain.

18:30 – 20:15 gach Diciadain (fad ceithir seachdainean)
01.11.23 – 22.11.23

Iain Urchardan

CABADAICH SA CHOIMHEARSNACHD

Tha sinn toilichte innse gu bheil Iain Urchardan a’ dol a thòiseachadh clasaichean ùra dhan choimhearsnachd – ‘s chan ann do dh’oileanaich an t-Sabhail a-mhàin (ged a dh’fhaodas iadsan tighinn cuideachd). Bheir e thugainn fuaimneachadh furasta, briathrachas beairteach, is cothroman còmhraidh. Faodaidh neach sam bith pàirt a ghabhail sna clasaichean, ged a mholamaid comas còmhraidh sa Ghàidhlig.

Tha na clasaichean seo rim faotainn an-asgaidh, air neo faodaidh sibh tabhartas a thoirt seachad, agus iad air am maoineachadh le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.

Cuiribh fios gu ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth.

10:00 – 11:00 gach Diardaoin
26.10.23 – 30.11.23
Seòmar Èige, ACC, Sabhal Mòr Ostaig

Abair Thusa

ABAIR THUSA: COTHROMAN CÒMHRAIDH

Thig còmhla rinn airson chothroman còmhraidh neo-fhoirmeil tro mheadhan na Gàidhlig, is fàilte chridheil ron a h-uile duine!

Ma tha thu aig toiseach do shlighe ionnsachaidh is airson barrachd misneachd a thogail ann a bhith a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig, no ma tha thu fileanta agus a’ sireadh barrachd chothroman do chuid Gàidhlig a chleachdadh, bidh fàilte bhlàth romhaibh uile.

Cuideachd bidh srùbag is pìos cèic ri fhaighinn an-asgaidh, ‘s mar sin nach tig sibh ann!

Le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.

15.01.24 – 25.03.24 (gach Diluain)
18:00 – 19:00: Luchd-tòiseachaidh gu Eadar-mheadhanach
19:30 – 21:00: Eadar-mheadhanach gu Fileanta
Cafaidh IIN, Sabhal Mòr Ostaig 

Leughadh Còmhla

LEUGHADH CÒMHLA

Tha Leabharlann an t-Sabhail Mhòir toilichte fàilte a chur ort aig a buidheann-leughaidh.

Bidh am buidheann seo ag amas air luchd-leughaidh aig ìre eadar-mheadhanach àrd is air adhart, a tha airson misneachd a thogail agus Gàidhlig a chleachdadh tro leughadh ann an suidheachadh càirdeil agus brosnachail.

Gach seachdain, bidh sinn a’ leughadh earrann de sgeulachd còmhla agus a’ cabadaich ma deidhinn. Chan eil feum air an earrann a leughadh ro làimh, ach ma tha thu ag iarraidh fios mun teacsa, no fios sam bith eile, sgrìobh gu .

17:30 – 18:30 gach Diardaoin
26.10.23 – 07.12.23
An Leabharlann, ACC, Sabhal Mòr Ostaig

Club Fighe Gàidhlig

A’ BLEADRAICH AIR NA BIORAN: CLUB FIGHE (& CROCHET) GÀIDHLIG

Tha club fighe Gàidhlig a’ tòiseachadh gach Diardaoin aig àm lòin anns a’ chafe aig Ionad Iain Nobail, Sabhal Mòr Ostaig. Tha fàilte air oileanaich, luchd-obrach agus daoine às a’ choimhearsnachd tighinn airson beagan fighe a’ dhèanamh tro mheadhain na Gàidhlig. Chan fheum thu a bhith uabhasach sgileil, agus ‘s urrainn dhuinn do chuideachadh. Chan eil cosgais ann airson seo. Nach cuir thu fios gu Flòraidh aig ma tha ceist sam bith agad.

Bho 12:30 gach Diardaoin
A’ tòiseachadh 26.10.23
Cafaidh IIN, Sabhal Mòr Ostaig

CLASAICHEAN OIDHCHE AIR-LOIDHNE

GÀIDHLIG LUCHD-TÒISEACHAIDH DO PHÀRANTAN LE LISA NICDHÒMHNAILL – AIR-LOIDHNE

A bheil ùidh agad ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig airson do chuid chloinne? Am bu toil leat Gàidhlig a chleachdadh aig an taigh? Bheir an cùrsa seo taic dhut le structaran gràmair bunaiteach, faclan, abairtean, geamaichean agus òrain a b’ urrainn dhut cleachdadh airson àrainn Ghàidhlig a thogail airson do theaghlach.

20:00 – 21:30 gach Diciadain (fad ochd seachdainean)
10.01.23 – 06.03.23

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578