TAIC-AIRGID
Mar oileanach, bidh agad ri fiosrachadh fhaighinn ro làimh air dè chosgas an cùrsa agus dè an taic-airgid a bhios ann dhut. Tha Sabhal Mòr Ostaig ro dheònach fiosrachadh is comhairle a thoirt dhut mu thaic le ionmhas, agus faodaidh tu fios a chur don Oifis Chlàraidh air +44 (0) 1471 888 304 no tro phost-d uair sam bith ().
Cùrsaichean Fo-cheum
Bu chòir do dh’oileanaich à Alba a tha a’ tighinn gu Sabhal Mòr Ostaig tagradh airson taic-airgid a chur gu SAAS (Students Awards Agency for Scotland). Bu chòir do dh’oileanaich à dùthchannan san Roinn Eòrpa no taobh a-muigh na Roinn Eòrpa bruidhinn ris na h-ùghdarrasan foghlaim ionadail aca fhèin airson taic-airgid. A rèir an t-suidheachaidh, dh’fhaodadh oileanaich bhon Aonadh Eòrpach agus dùthchannan eile a bhith airidh air taic ionmhais bho SAAS, agus bu chòir dhaibh sùil a thoirt air slatan-tomhais na buidhne airson oileanach à thall thairis.
Bidh a’ mhòr-chuid de dh’oileanaich air cùrsaichean fo-cheum làn-thìde a’ faotainn taic tro iasad oileanaich. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu riaghailtean agus mar a gheibh thu iasad oileanaich bhon làraich-lìn aig SAAS.
Tha Sabhal Mòr Ostaig air a chlàradh ann an cuid a stàitean ann an Canada, agus dh’fhaodadh gum faigh oileanaich bho na stàitean sin iasadan bho na riaghaltasan aca. Cuir fios don Oifis Chlàraidh aig Sabhal Mòr Ostaig airson tuilleadh fiosrachaidh.
Mura faigh thu taic-airgid bho SAAS, ùghdarrasan foghlaim ionadail no bho bhuidheann sam bith eile, faodaidh oileanaich tagradh a dhèanamh ri maoin duais sgoilearachd Shabhal Mòr Ostaig, an urra ri daingneachadh, ach chan eil ach glè bheag de dh’airgead ann airson duaisean sgoilearachd. Faodaidh oileanach cur a dh’iarraidh air duais sgoilearachd cho luath ‘s a gheibh iad àite gun chùmhnant aig Sabhal Mòr Ostaig.
Tha Sgeama nam Bursaraidhean Gàidhlig cuideachd ga ruith le OGE, le taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. Tha bursaraidhean air an toirt do dh’oileanaich a tha gu bhith air neo air tòiseachadh air a’ chiad bhliadhna de chùrsaichean ceuma tro mheadhan na Gàidhlig.
Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu SAAS agus taic eile do dh’oileanaich an seo.
Foghlam Air Astar is Cùrsaichean Goirid
PFG (Part-time Fee Grant)
Gheibh cuid a dh’oileanaich an Alba taic airgid tro sgeama ‘part-time fee grant’ (PFG) aig SAAS ma nì iad modalan luach 30 puing creideis no barrachd sa bhliadhna, aig ìre oilthighe. Tha barrachd fios ri fhaighinn air làraich-lìn SAAS.
Taic le Uidheamachd Didseatach
Tha UHI agus a chom-pàirtichean acadaimigeach airson taic a thoirt do na h-oileanaich sin aig nach eil cothrom, no cothrom cuingealaichte, air uidheamachd IT no ceangal eadar-lìn, gus an urrainn dhaibh an cuid ionnsachaidh a dhèanamh gu soirbheachail.
Tha an uidheamachd gu lèir air iasad a-mhàin agus feumar a thilleadh aig deireadh na bliadhna acadaimigich. Airson barrachd fios agus mar a nì thu iarrtas, faic an ceangal a leanas:
https://www.uhi.ac.uk/en/students/support/funding-and-financial-support/digital-support/
Bòrd na Gàidhlig
Bidh Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus Urras MhicCaig a’ toirt taic do dh’oileanaich aig a bheil ùidh ann an teagasg.
Cùrsaichean For-cheum
Faodaidh tagraichean airson an MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd iarrtas a chur a-steach gu Sabhal Mòr Ostaig airson sgoilearachd. Airson barrachd fiosrachaidh mu seo, cuir fios don Oifis Chlàraidh aig .