RANNSACHADH
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur gu mòr ri rannsachadh na Gàidhlig. Chaidh 16% de dh’obair rannsachaidh na Colaiste ann an cuspairean Ceilteach a chomharrachadh mar ‘internationally excellent or world-leading’ bhon RAE anns an Dùbhlachd 2014.
Tha a’ Cholaiste an sàs ann an iomadh pròiseact rannsachaidh leithid Soillse, iomairt nàiseanta a tha a’ ceangal OGE agus na h-oilthighean ann an Obar Dheathain, Glaschu agus Dùn Èideann cruinn còmhla.
Tha luchd-obrach na Colaiste an sàs ann an obair rannsachaidh aig fìor àrd-ìre agus tha 11 den luchd-obrach air ceum dotaireachd a chosnadh. Tha cruinneachadh prìseil de leabhraichean Gàidhlig agus Ceilteach anns an Leabharlann agus tha a’ Cholaiste cuideachd a’ toirt chothroman do dh’oileanaich PhD.

Leabharlann
Tha an Leabharlann fosgailte do dh'oileanaich is luchd-obrach. Tha goireasan didseatach againn cho math ri seirbheisean cliog is cruinnich, puist is sganaidh (fiosrachadh gu h-ìosal) a leigeas leat na cruinneachaidhean a chleachdadh taobh a-muigh an Leabharlainn. Tha na leabhraichean an lùib nan Cruinneachaidhean Sònraichte a’ sìneadh air ais do linntean tràtha foillseachadh na Gàidhlig.