Skip to content

COTHROMAN OBRACH

Is e Sabhal Mòr Ostaig aon de na fastaichean as motha anns an Eilean Sgitheanach a’ tabhann chothroman-obrach fad-bliadhna. Le còrr is 100 neach-obrach, tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhuine sam bith a tha airson a bhith an lùib coimhearsnachd-obrach a tha brosnachail, a chuireas luach sa chànan agus a tha a’ tuigsinn cho cudromach ‘s a tha obair sgioba ann a bhith a’ cur ri iomairt na Gàidhlig.

Tha co-ionannachd chothroman aig cridhe an t-Sabhail, agus tha sinn airson ‘s gum bi cothrom aig duine sam bith air an cànan prìseil seo a chleachdadh nan obair làitheil. Leis a sin, tha sinn a’ creidsinn nach bu chòir ciorram, aois, ùine ann an cùram, gnè, nàiseantachd no fèin-aithne bacadh a chur ort sin a dhèanamh.

Far a bheil a’ Ghàidhlig riatanach anns an dreuchd, tha na sanasan obrach againn ann an Gàidhlig a-mhàin. Far a bheil sanas dà-chànanach, bhiodh e math nan robh Gàidhlig agad, ach tha cothroman ionnsachaidh gan tabhann mar phàirt den obair. Faic na cothroman obrach gu h-ìosal.

MANAIDSEAR AN IONAD – FÀS MÒR

Tuarastal: £30,168 – £34,985 a rèir teisteanasan is eòlais

Cùmhnant: Maireannach, Làn-ùine

’S e ionad cùraim-chloinne Ghàidhlig a th’ ann am Fàs Mòr a tha stèidhichte aig Bun-sgoil Shlèite san Eilean Sgitheanach. Gheibh clann aois 0-12 cùram againn ann an àrainneachd chàirdeil, altramach is bhrosnachail agus tha àite cudromach againn sa choimhearsnachd ionadail againn cuideachd.

Tha sinn a’ sireadh Manaidsear an Ionaid gus ar sgioba beag, càirdeil a stiùireadh. Seo cothrom air leth do chuideigin aig a bheil eòlas air cùram-chloinne agus dreuchdan stiùiridh agus aig a bheil dealas airson a bhith a’ gabhail cùram de chloinn ann an àrainneachd Ghàidhlig sa bheilear a’ cur taic ri math agus adhartas na cloinne.

Bidh e an urra ris an neach a gheibh an obair an t-seirbheis a ruith bho latha gu latha, agus nì iad cinnteach gu bheil ìrean àrda gan coileanadh a thaobh cùram, riaghailtean is laghan agus stiùireadh na h-obrach, agus bidh iad cuideachd a’ brosnachadh deagh dhàimh ri clann, teaghlaichean, luchd-obrach agus buidhnean com-pàirteach.

Ma tha thu am beachd cur a-staigh airson na dreuchd seo, bu chòir teisteanas SVQ3 Seirbheisean Sòisealta (Clann is Daoine Òga) aig ìre SCQF 7, no HNC Obair le Clann, no teisteanas ionann ri sin a bhith agad, agus bu chòir teisteanas stiùiridh freagarrach a bhith agad mar a dh’fheumar fo riaghailtean SSSC no feumaidh tu a bhith deònach obair gus leithid a theisteanas a thoirt a-mach.

  • Tha sinn a’ tabhann chothroman trèanaidh is sgeama peinnsein
  • Ma thèid d’ fhastadh, bidh agad ri pàirt a ghabhail san sgeama PVG

Cuir fios gu Gill Morgan airson tuilleadh fiosrachaidh. Seòladh puist-d:

Gus cur a-staigh airson na dreuchd, faodaidh tu foirm-iarrtais a chur gu:

Tuairisgeul Obrach (PDF)
Foirm Iarrtais  (PDF)
Foirm Iarrtais (Doc)
Foirm Co-ionannachd (Doc)

OIFIGEAR CÀRAIDH

Tuarastal: £26,890 – £31,671

Uairean: 35 uairean a thìde san t-seachdain

A bheil thu practaigeach, rianail agus moiteil nuair a thèid obair mhath a dhèanamh?

Tha sinn a’ sireadh Oifigear Càraidh a bhios ag obair còmhla ri Sgioba na h-Oighreachd gus ar toglaichean, fearann agus goireasan a ghleidheadh is a chumail ann an deagh staid. Nì thu obair chudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil ar n-àrainn sàbhailte, aoigheil agus sgiobalta do dh’oileanaich, luchd-obrach agus luchd-tadhail.

’S iomadh dleastanas practaigeach a bhios agad san dreuchd seo: bidh thu ri obair ghleidhidh chunbhalach, ri obair ghleidhidh is chàraidh gus dèiligeadh ri diofar rudan a dh’èireas, agus bidh thu a’ gleidheadh is a’ sgioblachadh fearann na colaiste, a’ toirt taic seachad a thaobh slàinte is sàbhailteachd, a’ cur sheòmraichean air dòigh airson tachartasan agus ag obair còmhla ri cunnradairean agus co-obraichean air feadh na buidhne.

Na Comasan agad

Bidh na leanas fìor mu do dheidhinn-sa:

  • Eòlas air obair ghleidhidh airson toglaichean, fearann no goireasan.
  • Sgilean gleidhidh is càraidh practaigeach.
  • Deagh sgilean eagrachaidh is conaltraidh.
  • Cead-dràibhidh iomlan.

Ma tha thu a’ sireadh dreuchd phractaigeach far am faic thu an diofar a nì an obair agad gach latha, b’ fhìor thoil leinn cluinntinn bhuat.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir post-d gu

Gus cur a-staigh airson na dreuchd, faodaidh tu foirm-iarrtais a chur gu:

Tuairisgeul Obrach (PDF)
Foirm Iarrtais  (PDF)
Foirm Iarrtais (Doc)
Foirm Co-ionannachd (Doc)

DÈ THA DOL SAN SGÌRE?

CÙRSAICHEAN CÀNAIN

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578