Seiminearan-Rannsachaidh: Am Foghar 2026
Tòisichidh sreath ùr de sheiminearan-rannsachaidh Diciadain 21 Dàmhair, air an làraich agus fosgailte air-loidhne tro Zoom cuideachd. Tha prògram air leth againn dhuibh thairis air an t-semeastar seo agus bhiomaid uabhasach toilichte nam b’ urrainn dhuibh tighinn còmhla rinn.
Bidh gach seiminear a’ tòiseachadh aig 13:00 feasgar Diciadain, ann an Seòmar Shomhairle, Ionad Iain Nobail, Sabhal Mòr Ostaig. Dhuibhse a bhios a’ frithealadh air-loidhne, feuch gun log thu a-steach mu 10 mionaidean ro làimh gus am faigh thu a-steach (agus gus an cuir sinn fàilte ort!). Bidh an seòmar-coinneachaidh glaiste 10 mionaidean às dèidh toiseach gach seimineir.
Diciadain 18 Samhain 2026, 13:00
Liam Crouse
Seanchas Gàidhlig Uibhist san Fhicheadamh Linn.
Diciadain 02 Dùbhlachd 2026, 13:00
Anna Thirkell, Gwen MacQuarrie agus an t-Ollamh Morag Redford
Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg: Dreuchd an Ionaid ann a bhith a’ cumail taic ri feumalachdan thidsearan ann am foghlam Gàidhlig

