
OILEANAICH NA RÌOGHACHD AONAICHTE IS AN AONAIDH EÒRPACH
Tha na cùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, bho chùrsaichean fad seachdain gu cùrsaichean ceuma, dèanadach agus freagarrach do dh’oileanaich an latha an-diugh. Chan eil àite nas fheàrr san t-saoghal airson piseach a thoirt air do chuid Gàidhlig agus tha a’ Cholaiste aithnichte airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Cùrsaichean Fo-cheum
Gheibh thu fiosrachadh air na teisteanasan a tha a dhìth airson àite fhaighinn air gach cùrsa air duilleagan nan cùrsaichean. Tha na cùrsaichean làn-thìde gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig is mar sin feumaidh beagan Gàidhlig a bhith agad mus tòisich thu air cùrsa. Tha siostam soilleir aig a’ Cholaiste far an urrainn do dh’oileanaich adhartas a dhèanamh tro na cùrsaichean, bho chùrsaichean goirid gu cùrsaichean air astar gu cùrsaichean fo-cheum is for-cheum, a tha a’ toirt cothrom farsaing do dhaoine air foghlam Gàidhlig.
Ma thu a fàgail na sgoile no a’ cur a-steach gu còrr is aon oilthigh/cholaiste, feumaidh an tagradh agad a dhol tro UCAS. ’S e UCAS a’ phrìomh sheirbheis inntrigidh do gach oilthigh is colaiste ann am Breatainn.
Còdan UCAS
- Ainm Institiùid: HIP
- Còd Institiùid: H49
- Còd na h-Àrainn: K
Tha cinn-ùine fa leth aig UCAS a rèir cùrsa, na bliadhna a bhios an neach a’ tòiseachadh agus na dùthcha dham buin iad. Tha a’ Cholaiste a’ moladh gun cuirear tagraidhean a-steach cho luath ’s a ghabhas ach dh’fhaodadh gun gabhadh a’ Cholaiste ri tagraidhean an dèidh nan ceann-latha seo. Ma dh’fhaodte gum faigh oileanaich àite tron t-siostam chothromachaidh, a rèir am bi àite ri fhaighinn air a’ chùrsa do dhaoine eile. Mar as trice bidh cothromachadh a’ ruith bho mheadhan an Iuchair gu meadhan na Sultaine. Gabhaidh iarrtasan a chur a-staigh air-loidhne cuideachd.
Iarraidh a’ Cholaiste ort agallamh a chur air dòigh leis an tagraiche, aig a’ Cholaiste no air a’ fòn. ’S ann airson tuigse fhaighinn air dè an ìre aig a bheil an cuid Gàidhlig as motha a tha agallamhan, airson dèanamh cinnteach gu bheil tagraichean a’ cur a-staigh airson a’ chùrsa cheart. Bidh aig tagraichean ri agallamh agus deuchainn chiùil a dhèanamh mus faighear àite air a’ chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.
Cuiridh UCAS brath chun an tagraiche mu cho-dhùnadh na Colaiste. Gheibh tagraichean barrachd fiosrachaidh air àite-fuirich agus taic-airgid an dèidh aontachadh àite air cùrsa a ghabhail.
Faodaidh tagraichean eile, nach eil a’ fàgail na sgoile fios a chur chun na h-Oifis Clàraidh aig:
Iarrtasan
Siostam Iarrtais – stiùireadh do thagraichean
Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh’fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de fhoirm iarrtais Oileanaich Eadar-nàiseanta OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.
Cùrsaichean For-cheum
Bu chòir do thagraichean MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd iarrtas a chur a-steach aig a’ cheangal gu h-ìosal:
https://www.uhi.ac.uk/en/courses/msc-material-culture-and-gaidhealtachd-history/#applynow
Ma tha ceistean agad feuch gun cuir thu fios don Oifis Chlàraidh air +44 (0)1471 888 304 no tro phost-d gu
Foghlam air Astar
Bu chòir do thagraichean airson chùrsaichean air astar is pàirt-thìde fios a chur dìreach don Cholaiste. Gheibh thu foirm iarrtais bhon Sgioba Foghlam Fad Beatha air +44 (0)1471 888449 no tro phost-d gu
Cùrsaichean Goirid
Bu chòir do thagraichean airson nan cùrsaichean goirid a dhol tro shiostam nan cùrsaichean. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh bho Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air +44 (0) 1471 888 240 no tro phost-d gu
Ma tha ceistean agad feuch gun cuir thu fios don Oifis Chlàraidh air +44 (0)1471 888 304 no tro phost-d gu