Skip to content
Picture of students as a poster

IONNSAICH

’S e Sabhal Mòr Ostaig an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ’s e an aon ionad Foghlam Àrd-ìre is Leantainneach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainn bhogaidh bheairteach.

Bidh daoine a’ tighinn thugainn às iomadh ceàrnaidh den t-saoghal airson eòlas is ionnsachadh air leth tron Ghàidhlig, eadar cùrsaichean do luchd-tòiseachaidh agus rannsachadh PhD, an dà chuid air làrach na Colaiste agus air astar, làn-ùine neo pàirt-ùine. Tha cothrom ann don a h-uile duine air an àrainn againn leis na cùrsaichean is oidean barraichte. Dè an còrr a dh’iarradh tu? Thig a chèilidh oirnn ann an Slèite far an cur thu fhèin eòlas oirnn!

Cùrsaichean fo-cheum

Cùrsaichean Ceum uile air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Cùrsaichean for-cheum

Prògraman for-cheum eadar ceuman maighstireachd fad bliadhna agus cothroman PhD.

Cùrsaichean Air Astar

Às bith càite bheil thu san t-saoghal tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh còmhla rinn.

Cùrsaichean Goirid

Cùrsaichean Goirid air an làraich agus air loidhne ann an Gàidhlig, ceòl agus cultar.

Cùrsaichean Cànain

Às bith càite bheil thu san t-saoghal tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh còmhla rinn.

BEATHA OILEANACH

RO-SHEALLADH