Skip to content
Picture of students at a music session

BEATHA OILEANAICH

Tha barrachd na ionnsachadh an lùib beatha oileanach. Tha cothrom air fois agus spòrs agus air coinneachadh ri daoine ùra agus ri blasad fhaighinn de chultar eile agus feuchainn air rudan ùra, uile tro mheadhan na Gàidhlig.

Ceart cho math ri na goireasan sònraichte a th’ aig Sabhal Mòr Ostaig, tha coimhearsnachd Ghàidhlig bheothail, chàirdeil ann le gu leòr a chumas a’ dol thu. Dh’fhaodadh tu a dhol an sàs ann am buidhnean oileanach aig a’ Cholaiste agus tro OGE, leithid Comann nan Oileanach no HISA, no dh’fhaodadh tu pàirt a ghabhail ann am buidhnean is gnothaichean na coimhearsnachd a tha a’ tachairt san sgìre.

Tha a’ bhuidheann ealain SEALL a’ cumail thachartasan aig a’ Cholaiste leithid cuirmean-ciùil, dealbhan-cluiche agus dannsa is chì thu a h-uile seòrsa rud bho cheòl Afraganach gu opara Spàinnteach is comadaidh Gàidhlig.

Tha cothroman gu leòr ann cuideachd airson cumail fallain, le sgioba ball-coise na sgìre, Slèite is an Srath FC, a’ cluich shuas an rathad agus Club Badminton Shlèite a’ coinneachadh gach seachdain aig a’ Cholaiste. No is dòcha gun còrdadh clas eacarsaich aig a’ Cholaiste riut no cuairt a-mach leis a’ Chlub Choiseachd?

Gheibh oileanaich an t-Sabhail a-steach don leabharlann aig Caisteal Armadail an-asgaidh, is tasglann mìorbhaileach aca de phàipearan is uidheam eachdraidheil ceangailte ri eachdraidh na sgìre. Dh’fhaodadh tu a bhith nad bhall de Chomann Eachdraidh Shlèite, is grunn luchd-labhairt na Gàidhlig ann.

Tha ceòl làidir anns a’ choimhearsnachd agus gu tric bidh seiseanan-ciùil a’ dol aig a’ Cholaiste agus anns na taighean-òsta faisg air a’ Cholaiste. Bidh fàilte chridheil romhad airson pàirt a ghabhail annta. Is dòcha gu bheil thu ag iarraidh ceòl ròc no punc a chluich còmhla ri oileanaich agus luchd-obrach eile, a’ pòsadh na Gàidhlig ri nòs ùr.

Tha grunn thaighean-seinnse is thaighean-òsta ann airson beatha air an oidhche a chumail beothail, agus bidh cothrom agad Gàidhlig a bhruidhinn bho mhoch gu dubh – tha e an urra riut fhèin dè cho spòrsail is a bhios an splaoid agad!

SLÀN – GYM
Chaidh Slàn, ionad lùth-chleasachd an t-Sabhail Mhòir, a chur air bhog ann an 2017 le co-obrachadh eadar Comann nan Oileanach agus a’ Cholaiste is e a-nis fosgailte do dh’oileanaich, luchd-obrach agus coimhearsnachd Shlèite. Tha còig pìosan uidheamachd eacarsaich ann an Slàn is seòmar falamh a dh’fhaodar cleachdadh airson yoga, Pilates is a leithid. Faodaidh tu ballrachd a cheannach bhon Ionad Fàilte is cuiridh iadsan is Comann nan Oileanach seisean inntrigidh air dòigh dhut.

Còd-giùlain agus Poileasaidhean

Còd-Giùlain oileanaich

Poileasaidh Gearanan

Smachdachadh Oileanaich 

Gheibhear liosta shlàn de phoileasaidhean na Colaiste an seo.

Brightspace

Ceanglaichean gu faidhleachan is ceistean cumanta airson cuideachadh le UHI Ionnsachadh air-loidhne agus Brightspace.

A’ Choimhearsnachd

Thèid do bhrosnachadh, mar oileanach aig a' Cholaiste, gus cur ris na tha a' dol sa choimhearsnachd.

An t-Eilean Sgitheanach

Tha ainm is cliù aig an Eilean Sgitheanach airson biadh math, fiadh-bheatha mhìorbhaileach agus cur-seachadan a-muigh.

BEATHA OILEANAICH

SEIRBHEISEAN OILEANAICH

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578