Skip to content

FOGHLAM THIDSEARAN

Tha Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a’ cur gu mòr ri deasachadh agus cothroman ionnsachaidh do dh’oileanaich aig a bheil ùidh ann an teagasg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoile agus àrd-sgoile, aig ìre fo-cheum (BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam) agus for-cheum (PGDE – slighe Ghàidhlig). Tha an cùrsa fo-cheum BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam air a thabhann air fad ann an Gàidhlig, a’ toirt cothrom do dh’oileanaich na sgilean cànain agus na sgilean proifeasanta aca a neartachadh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha farsaingeachd de sgilean agus eòlas proifeasanta am measg luchd-obrach air taobh àrd-sgoil agus bun-sgoil a tha a’ cur gu mòr ris na prògraman.

Tha luchd-obrach Foghlam Thidsearan Sabhal Mòr Ostaig cuideachd an sàs gu mòr ann an ionnsachadh proifeasanta do thidsearan agus oileanaich ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig:

  • Club Irise – air a lìbhrigeadh le luchd-obrach Sabhal Mòr Ostaig agus proifeiseantaich foghlaim eile, tha Club Irise Sabhal Mòr Ostaig a’ toirt chothroman do luchd-obrach ann am Foghlam Gàidhlig a dhol an sàs ann an taisbeanaidhean agus còmhraidhean proifeasanta air-loidhne le fòcas air foghlam bogaidh agus foghlam dà-chànanach.
  • Oideas – am pod-craolaidh ùr anns am bi proifeiseantaich ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ còmhradh mun obair aca.

Dè Do Bheachd?

Farpais ùr a tha fosgailte do sgoilearan ÀS1-ÀS3 ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig

Oideas

Sreath de dh’agallamhan mu Fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Club Irise

A’ deasbad diofar phàipearan rannsachaidh air foghlam cànain

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578