Skip to content
Cùrsaichean Goirid

Fàilte gu Cùrsaichean Goirid Shabhal Mòr Ostaig

’S ann do dhuine sam bith aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig agus ann an cultar a’ chànain a tha na cùrsaichean goirid againn. Bidh sibh ag ionnsachadh ann an dòigh a tha làn spòrs is tlachd, an dà chuid air an làraich agus air astar tro Zoom.

Ma thig thu gu Sabhal Mòr Ostaig airson cùrsa aghaidh-ri-aghaidh, bidh tachartasan is dibhearsan ann air an oidhche a mhaireas nad chuimhne gu bràth!

Tha sinn an dòchas gum faic sinn a dh’aithghearr thu, agus faodaidh tu fios a chur thugainn an seo. 

Fòn: +44 (0) 1471 888 246
Post-d:

Cùrsaichean Goirid an t-samhraidh 2025

Cùm sùil air an duilleig seo airson Cùrsaichean Goirid an t-Samhraidh 2025.

Ceistean Cumanta

Ceistean cumanta is fiosrachadh feumail do dh’ oileanaich a tha a’ tighinn air na cùrsaichean goirid againn aig Sabhal Mòr Ostaig.

Cùrsaichean Goirid – Àite-fuirich

Tha seòmraichean en-suite ri fhaighinn ann an ACC agus Àrainn Ostaig.

Cumhachan is Cùmhnantan

Cumhachan is Cùmhnantan nan Cùrsaichean Goirid.

Mar a nithear iarrtas – Cùrsaichean Goirid

Stiùireadh air mar a nì sibh iarrtas airson Cùrsa Goirid.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578