Skip to content
Picture of students in a seminar

OILEANAICH

Tha sinn deiseil airson fàilte a chuir ort chun na cùrsaichean againn agus tha sinn air fiosrachadh feumail a chuir ri chèile an seo, ge bith an e oileanach ùr a th’ annad no oileanach a tha a’ tilleadh. Mura h-urrainn dhut na tha a dhìth ort a lorg an seo, nach cuir thu fios thugainn aig

Beatha Oileanaich

Tha barrachd na ionnsachadh an lùib beatha oileanach. Tha cothrom air fois agus spòrs agus air coinneachadh ri daoine ùra agus ri blasad fhaighinn de chultar eile agus feuchainn air rudan ùra, uile tro mheadhan na Gàidhlig.

Seirbheisean Oileanach

Tha Seirbheisean Oileanach a' toirt fiosrachadh, comhairle is taic neo-thaobhach don a h-uile oileanach; do dh'oileanaich làn-ùine is phàirt-ùine agus oileanaich air an làraich is air astar.

Àite-fuirich

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann àiteachan-fuirich cofhurtail, ùra do dh’oileanaich.

Clàr na Bliadhna

Clàr na Bliadhna 2021 - 22

Greis Gnìomhachais

Fhad’ s a tha thu air a' chiad bhliadhna sa cholaiste, bidh thu a' dèanamh Greis Gnìomhachais, fad trì seachdainean, far am faigh thu cothrom a bhith ag obair ann an suidheachadh Gàidhlig.