Skip to content
Picture of piper

OILEANAICH EADAR-NÀISEANTA

Tha àrainn oideachaidh air leth aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha na cùrsaichean agus a’ Cholaiste gu lèir gan ruith tro mheadhan na Gàidhlig – an aon cholaiste de seòrsa san t-saoghal. Tha a’ Cholaiste na com-pàirtiche ann an OGE, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus tha ceanglaichean làidir againn an seo agus air feadh an t-saoghail. Tha a’ Cholaiste a’ tairgsinn caochladh chothroman do dh’oileanaich airson cùrsaichean a dhèanamh làn-thìde no pàirt-thìde, an seo fhèin no air astar. Às bith càite bheil thu san t-saoghal tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh còmhla rinn.

Cùrsaichean Fo-cheum

Feumaidh tu iarrtas a chur a-steach dhan Cholaiste fhèin. Gheibh thu foirm iarrtais bhon Oifis Chlàraidh air +44(0)1471 888304 no tro phost-d aig

Cùrsaichean For-cheum

Bu chòir do thagraichean MA Cultar Dùthchasach is an Àrainneachd fios a chur dìreach don Cholaiste. Gheibh thu foirm iarrtais bhon Oifis Chlàraidh air +44(0)1471 888304 no tro phost-d aig

Foghlam air Astar

Bu chòir do thagraichean airson chùrsaichean air astar is pàirt-thìde fios a chur dìreach don Cholaiste. Gheibh thu foirm iarrtais bho Sgioba Foghlam Fad Beatha air +44(0)1471 888449 no tro phost-d aig

Cùrsaichean Goirid

Bu chòir do thagraichean airson chùrsaichean air astar is pàirt-thìde fios a chur dìreach don Cholaiste. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh bho Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air +44(0)1471 888 240 no tro phost-d aig .

Ceanglaichean feumail do dh’oileanaich eadar nàiseanta

Leabhar-làimhe do dh’oileanaich eadar-nàiseanta

UHI International Student Pages

Official UK Government website for visa services

Ag ionnsachadh anns an RA le ciorram

UKCISA Air an làraich-lìn seo gheibh thu fiosrachadh mu bhith ag ionnsachadh ann am Breatann:

British Council

Education UK

UK Borders Agency

Talent Scotland

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578