Skip to content
Picture of SMO students

CÙRSAICHEAN FO-CHEUM

‘S e Sabhal Mòr Ostaig an aon cholaiste anns an t-saoghal far am faodar cùrsaichean ceum air fad a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha a’ Cholaiste na com-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus ‘s i a tha a’ treòrachadh chàich ann an Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte.

Chan ann a-mhàin gum bi cothrom air leth agad air piseach a thoirt air do chuid Gàidhlig air na cùrsaichean, togaidh tu sgilean practaigeach is sòisealta a bhios nam buannachd dhut gu bràth.

Tha na cùrsaichean sa chiad agus san dàrna bliadhna a’ toirt làn chothrom do dh’oileanaich a bhith a’ fàs fileanta sa Ghàidhlig agus tha dùil, le brosnachadh, gum bi oileanaich a’ bruidhinn agus a’ cleachdadh na Gàidhlig bho latha gu latha. Faodaidh tu modalan a thogail sna bliadhnaichean às dèidh sin is a dhol air adhart gu ceumannan ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig, Gàidhlig is Leasachadh, Gàidhlig is Foghlam agus Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta. Airson duine le ùidh anns na meadhanan, thoir sùil air an DipHE anns na Meadhanan Gàidhlig.