FOR-CHEUM
Ma tha ùidh agad ann an litreachas, cànan, foghlam, leasachadh, eachdraidh, dualchas, ceòl, ealain no cultar nan Gàidheal, tha taic is brosnachadh airson rannsachadh for-cheum rim faighinn am pailteas aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha prògraman for-cheum againn – tro theagasg no tro rannsachadh – tro mheadhan na Gàidhlig, eadar ceuman maighstireachd fad bliadhna agus cothroman PhD anns am faighear sàr theagasg agus stiùireadh.
Carson a dhèanadh tu rannsachadh for-cheum aig Sabhal Mòr Ostaig?
SÙBAILTEACHD
Faodar na for-cheuman againn a dhèanamh làn-ùine no pàirt-ùine agus air an làraich no tro ionnsachadh measgaichte no air astar gus an tèid agad air an t-slighe a fhreagras ort fhèin a lorg.
CÀNAN
Tha a’ Ghàidhlig aig teis-meadhan ar coimhearsnachd, ar cuid obrach agus na bhios romhainn. Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur roimhe gun tèid cànan, cultar is dualchas nan Gàidheal a leasachadh is a neartachadh tro chothroman foghlaim, trèanaidh is rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig.
GOIREASAN FOGHLAIM IS CULTARAIL
’S e Sabhal Mòr Ostaig an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, stèidhichte anns an Eilean Sgitheanach. Tha an luchd-obrach acadaimigeach againn air cuid de na sgoilearan as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig is na Ceiltis. Tha beairteas de ghoireasan sgoileireil rim faighinn am measg cruinneachaidhean an leabharlainn againn, agus tha grunn phròiseactan cànanach is cultarail stèidhichte ann, leithid Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus Ainmean-Àite na h-Alba.
Mar oileanach for-cheum, bidh cothroman gu leòr agad tighinn an sàs anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig againn ann an iomadh dòigh, anns an t-sreath de dh’òraidean àm-lòin againn (le luchd-obrach, oileanaich is luchd-tadhail), Òraid an t-Sabhail, taisbeanaidhean agus tachartasan ciùil.
Gàidhlig airson Luchd-Teagaisg 1
‘S e modal bhon an MEd Foghlam Gàidhlig a tha seo a tha ag àrdachadh comas agus misneachd thidsearan sa Ghàidhlig ann an suidheachadh obrach.
MEd Foghlam Gàidhlig
’S e prògram trì bliadhna de dh’ionnsachadh proifeiseanta a th’ anns a’ Cheum Mhaighstireachd ann am Foghlam (MEd) ann am Foghlam Gàidhlig.
MRanns Gàidhlig agus Ceiltis
Tha an MRanns Gàidhlig agus Ceiltis a’ tabhann dha oileanaich bonn-stèidh phroifeiseanta ann an Sgrùdaidhean na Gàidhlig agus na Ceiltis.
MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd
Tha an cùrsa ùr-ghnàthaichte seo, le cliù fad is farsaing, a’ toirt dhut cothrom sònraichte eòlas farsaing agus domhainn a chur air dualchas nan Gàidheal – uile-gu-lèir tron Ghàidhlig.
DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig
Tha an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig a’ freagairt orrasan a tha ag obair cheana mar eadar-theangaichean is iad airson tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air an eòlas, sgilean agus cleachdadh.
PGDE Foghlam Àrd-sgoile (Gàidhlig)
‘S e teisteanas teagaisg aon-bhliadhna, làn-ùine aig ìre for-cheum ann am foghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a th’ anns am PGDE Foghlam Àrd-sgoile (Gàidhlig).
PGDE Foghlam Bun-sgoile (Gàidhlig)
‘S e teisteanas teagaisg aon-bhliadhna, làn-ùine aig ìre for-cheum ann am foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a th’ anns am PGDE Foghlam Bun-sgoile (Gàidhlig).
PhD Sgrùdaidhean Gàidhlig is Ceiltis
Tha am PhD Sgrùdaidhean Gàidhlig is Ceiltis a’ tabhann chothroman dha oileanaich rannsachadh aig ìre phroifeiseanta a ghabhail os làimh anns na diofar raointean de Sgrùdaidhean Gàidhlig is Ceiltis.