Skip to content
Picture of student and child at creche

GREIS GNÌOMHACHAIS

Fhad’ s a tha thu air a’ chiad bhliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig, bidh thu a’ dèanamh greis gnìomhachais fad trì seachdainean, far am faigh thu cothrom a bhith ag obair ann an suidheachadh Gàidhlig. Mar as trice, bidh oileanaich a’ dol gu bun-sgoiltean Gàidhlig, na meadhanan Gàidhlig, buidhnean leasachaidh no buidhnean foillseachaidh, agus gheibh iad buannachd mhòr bho seo: eadar fàs nas misneachaile a thaobh a’ chànain; blas fhaighinn de shaoghal na h-obrach; agus eòlas a chur air agus comhairle fhaighinn bho dhaoine a tha ag obair sna gnìomhachasan.

Tha greis gnìomhachais na mhodal riatanach air a’ chiad bhliadhna, agus bhiodh teisteanas PVG a dhìth nan robh an t-oileanach ga dhèanamh ann an sgoil no ionad cùraim-chloinne.

BEATHA OILEANAICH

SEIRBHEISEAN OILEANAICH

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578