Skip to content

SpeakGaelic

Tha SpeakGaelic na dhòigh ùr, farsaing agus ioma-fhillte airson Gàidhlig ionnsachadh tro leasanan aghaidh-ri-aghaidh agus air-loidhne, prògraman telebhisean bhon BhBC agus pod-chraolaidhean.

Chaidh an cùrsa SpeakGaelic a sgrìobhadh le Sabhal Mòr Ostaig mar ghoireas ionnsachaidh nàiseanta a tha an-asgaidh do bhuidhnean coimhearsnachd, Comhairlean Ionadail agus duine sam bith a tha airson Gàidhlig a theagasg.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann cùrsaichean SpeakGaelic gu h-ionadail agus gu nàiseanta, agus a’ cuideachadh bhuidhnean eile a bhith a’ libhrigeadh cùrsaichean SpeakGaelic. 

Mar phàirt de cho-bhanntachd SpeakGaelic, chruthaich Sabhal Mòr Ostaig stuthan teagaisg a tha an-asgaidh dhaibhsan a tha a’ teagasg mar-thà agus a tha ùr gu bhith a’ lìbhrigeadh clasaichean Gàidhlig sa choimhearsnachd. Tha sinn a’ moladh gum bi suas ri 12 anns gach clas.

’S e com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig (Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig), MG ALBA agus BBC ALBA  a th’ ann an SpeakGaelic. Tha sinn gu math moiteil gur e dithis a tha air ceumnachadh o Shabhal Mòr Ostaig a tha aig ceann prògraman SpeakGaelic: neach-sìde a’ BhBC, Joy Dunlop; agus Calum MacIllEathain, a tha aithnichte air na meadhanan sòisealta.

AG IONNSACHADH LE SPEAKGAELIC

Thèid an cùrsa a theagasg an toiseach aig ìre A1 a rèir sgèile CEFRL thairis air 26 seachdain. Tha an cùrsa air a roinn ann an trì-deug roinnean cuspaireil, agus dà leasan 1.5 uair a dh’fhaid mu choinneimh gach cuspair. Bidh 13 prògraman telebhisein le BBC ALBA ann, cho math ri goireasan taic a leithid phod-chraolaidhean. Bidh tuilleadh chlasaichean ann aig ìrean A2, B1 is B2, anns am bi slighe le structar airson an cànan ionnsachadh.

TUILLEADH FIOSRACHAIDH

Cuir post-d thugainn aig  ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth. Cumaidh sinn taic riut air gach ceum den t-slighe agad leis a’ chànan.

SpeakGaelic is delivered and funded by

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578