FUAIMNICH GU FILEANTA còmhla ri Iain Urchardan: air loidhne
A’ tòiseachadh Diciadain 11/03/2026
09:45 – 10:30 gach Diciadain, 8 seachdainean.
Air loidhne tro Zoom.
Thèid an clas seo a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Am bu toil leibh fuaimneachadh Gàidhlig ionnsachadh? A bheil sibh ag iarraidh gum bi ur còmhradh nas coltaiche ri fuaimneachadh nan tùsanach? Ma fhreagair sibh ‘tha’, cuidichidh an cùrsa seo sibh.
Nì e sin tro bhith a’ toirt blasad dhuibh de na droch chleachdaidhean àbhaisteach a bu chòir dhuibh a sheachnadh agus, nas cudromaiche, bheir e sàr-eisimpleirean dhuibh de dh’fhuaimneachadh anns a bheil blas binn nan tùsanach. Siuthadaibh, thigibh a-steach do shaoghal cheòlmhor an fhuaimneachaidh Ghàidhlig!
Feuch an ceannaich thu do thiogaid gach seachdain airson gach clas. Tha sinn mothachail nach urrainn a h-uile duine a bhith an làthair aig gach seisean agus tha seo a’ dèanamh cinnteach nach pàigh a h-uile duine ach airson nan clasaichean as urrainn dhaibh a bhith an làthair.

