Latha Measaidh FICE – Cultarlann Inbhir Nis – Ògmhios 2026
MEASAIDHEAN FICE: ÌRE A1 AGUS A2
Deit : Disathairne 27 an Ògmhios, 8:45m – 3:15f
Càite : Cultarlann Inbhir Nis, 68 Academy Street, Inverness IV1 1LP
Cosg : £30 gach duine
A bheil sibh air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig bho chionn ghoirid agus a-nis airson beagan fianais fhaighinn air na rinn thu gu ruige seo?
Tha sinn air leth toilichte latha measaidh a chur air chois do luchd-ionnsachaidh a tha airson teisteanas a choisinn aig ìre A1 neo A2 den Fhrèam Iomraidh Cumanta Eòrpach (FICE). Tha na measaidhean seo ag amas air daoine a tha air ìre A1 neo A2 a ruigsinn mar-thà, le bhith a’ crìochnachadh a’ chùrsa SpeakGaelic A1, no cùrsa eile do luchd-tòiseachaidh coltach ris, agus le bhith a’ dèanamh timcheall air 100 uair a thìde de dh’ionnsachadh.
Bidh an latha measaidh ann an ceithir pàirtean, a’ dèanamh sgrùdadh air sgilean leughaidh, sgilean sgrìobhaidh, sgilean èisteachd agus sgilean labhairt. Air dhaibh a’ chùis a dhèanamh air a’ mheasadh, gheibh tagraichean teisteanas bho Shabhal Mòr Ostaig a’ dearbhadh an comais chànain a rèir a’ chlàr-mheasaidh oifigeil aig FICE.
Air dhaibh ìre A1 a ruigsinn, bu chòir do luchd-ionnsaichidh a bhith comasach air faclan agus abairtean làitheil glè bhunaiteach as aithne dhaibh a thuigsinn agus a chleachdadh. Bu chòir gum bi iad comasach iad fhèin agus daoine eile a chur an aithne a chèile agus a bhith comasach air ceistean a chur agus a fhreagairt mu fhiosrachadh pearsanta bunaiteach, mar eisimpleir cò às a tha iad, càit a bheil iad a’ fuireach, fiosrachadh mun teaghlach aca, cur-seachadan agus an obair aca, agus na rudan as toil leotha is nach toil leotha. Bu chòir gum bi luchd-ionnsachaidh comasach air conaltradh bunaiteach a dhèanamh sa chànan air cuspairean pearsanta as aithne dhaibh.
Air dhaibh ìre A2 a ruigsinn, bu chòir dhut a bhith air timcheall air 100 uair a thìde de dh’ionnsachadh a dhèanamh agus a tha cofhurtail ris na cuspairean bunaiteach a chaidh a theagasg aig A1. Bu chòir dhaibh seantansan agus abairtean cunbhalach a thuigsinn a tha a’ buntainn ri raointean ri làimh, mar eisimpleir, fiosrachadh pearsanta agus teaghlaich glè bhunaiteach, ceannachd, cruinn-eòlas ionadail, agus an obair aca. Bu chòir dhaibh a bhith comasach air conaltradh a dhèanamh ann an gnìomhan sìmplidh gnàthach a dh’fheumas fiosrachadh sìmplidh dìreach air cùisean gnàthach as aithne dhomh. Bu chòir dhaibh a bhith comasach air mìneachadh ann an dòigh sìmplidh taobhan dhen cùl-fhiosrachadh, den àrainneachd mun cuairt orra agus rudan a tha dhìth orra san àm.
Faicibh an Sgèile FICE agus eisimpleir den mheasadh gu h-ìosal airson tuilleadh mu na thathar an dùil ris bho thagraichean A1 agus A2.
Clàr-ama an latha
08:45 Fàilte; tì is cofaidh
9:30 – 10:15 – Measadh Leughaidh
10:15 – 10:45 – Srùbag
10:45 – 11:30 – Measadh Sgrìobhaidh
11:30 – 12:00 – Measadh Èisteachd A1 (Srùbag do Mhuinntir A2)
12:00 – 12:30 – Measadh Èisteachd A2 (Srùbag do Mhuinntir A1)
12:30 – 13:30 – Lòn
13:30 – 15:30 – Measadh Labhairt (àm fa leth aig a h-uile oileanach is càch a’ gabhail fois)
Ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh post-d gu Màrtainn Mac a’ Bhàillidh

