Seiminear Rannsachaidh: Anna Thirkell, Gwen NicGuaire agus Ollamh Morag Redford, Sabhal Mòr Ostaig
Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg: Dreuchd an Ionaid ann a bhith a’ cumail taic ri feumalachdan thidsearan ann am foghlam Gàidhlig
Diciadain 02 Dùbhlachd 2026 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne.
Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir.
Ann an 2025, chaidh an t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg a stèidheachadh le Sgoil an Fhoghlaim aig Oilthigh Ghlaschu, agus Sabhal Mòr Ostaig air fhastadh airson obrachadh ann an com-pàirteachas le uallach airson foghlam Gàidhlig. Is e prìomh amas an Ionaid seirbheis a thoirt do gach tidsear ann an Alba, a’ cumail taic riutha ann a bhith a’ cur feum air fianais rannsachaidh agus a bhith a’ cruthachadh rannsachadh ùr gus piseach a thoirt air ionnsachadh agus teagasg.
Thèid meòrachadh air an àite shònraichte a tha aig foghlam Gàidhlig ann an cruth an Ionaid, mar a tha na diofar fo-ionadan san Ionad ag obair ri chèile agus mar a tha obair anns a’ chiad bhliadhna aige air taic a chumail ri tidsearan ann am foghlam Gàidhlig. Thèid beachdachadh air an fhianais a tha againn air feumalachdan rannsachaidh agus prìomhachasan luchd-teagaisg ann am foghlam Gàidhlig agus mar a tha obair an Ionaid a’ cur ris an eòlas agus tuigse a tha againn air modhan-teagaisg àrd-chàileachdail agus feumail ann am foghlam bogaidh agus foghlam Gàidhlig.

