An Ceathramh Neach-ealain air ainmeachadh airson Sgoilearachd Jon Schueler aig Sabhal Mòr Ostaig
‘S i Agathe de Bailliencourt, a bhuineas do Pharis, a chaidh ainmeachadh mar an neach-ealain ùr fo Sgoilearachd Jon Schueler, a tha air a bhith ruith aig Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach airson ceithir bliadhna. ‘S i Agathe, a tha stèidhichte am Berlin, a’ chiad pheantair a tha air àite fhaighinn air a’ phrògram seo agus dh’ fhaodadh gu bheil sin gu math iomchaidh am bliadhna leis gu bheilear a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon rugadh am peantair eas-chruthach, air an deach an Sgoilearachd a chruthachadh (Jon Schueler, 1916 – 1992).
Tha cliù air feadh an t-saoghail aig Agathe mar pheantair is bidh i a’ peantadh air canabhas, pàipear, ailtireachd agus nàdar. Bidh i ag atharrachadh bho bhith ag obair sa stiùidio gu bhith a’ cruthachadh stuth a-muigh agus tha seo a’ cur ris an obair leasachaidh aice. Airson an Sgoilearachd, tha i am beachd sreath de dhealbhan a pheantadh aig am bi dlùth cheangal leis an cruth-tìre agus a’ mhuir, a bhios ceangailte ri chèile agus ri obair Schueler fhèin.
A’ bruidhinn air an naidheachd gun deach Sgoilearachd Jon Schueler 2016 a bhuileachadh oirre, thuirt Agathe: “Tha mi cho toilichte an sgoilearachd seo fhaighinn, tha e a’ ciallachadh tòrr dhomh. ‘Se cothrom mìorbhaileach a th’ ann m’ obair a leasachadh ann an àite air leth sònraichte san Eilean Sgitheanach as t-samhradh. Fhad ‘s a bhios mi ann, cruthaichidh mi obair-ealain a tha ceangailte, anns a h-uile dòigh, ris an àite agus a’ chruth-tìre.”
Bho 2005, tha dealbhan is obair-ealain Agathe air a bhith air an taisbeanadh air feadh an t-saoghail is bha a’ chiad taisbeanadh aice leatha fhèin ann an New York ann an 2010.
Thuirt an t-Oifigear Leasachaidh Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig, Kath NicLeòid: “Tha sinn fìor thoilichte fàilte a chur air a’ cheathramh Neach-ealain Jon Schueler aig Sabhal Mòr Ostaig, Agathe de Bailliencourt. ‘S i Agathe a’ chiad pheantair a chaidh ainmeachadh agus tha seo iomchaidh am-bliadhna is sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon a rugadh Jon Schueler. Tha prògram na Sgoilearachd air còrr is 1100 iarrtasan fhaighinn thar 4 bliadhna agus tha e na shamhla air mar a tha an t-Eilean Sgitheanach agus a’ Ghàidhealtachd nan àiteachan tarraingeach airson ealain lèirsinneach ùr-nòsach a chruthachadh ann an Alba agus air suidheachadh àraid Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Bidh an triùir luchd-ealain a choisinn Sgoilearachd gu ruige seo, Takeshi Shikama, Helmut Lemke agus Oliver Mezger a’ sealltainn an cuid obrach cuide ri obair-ealain Jon Schueler aig Sabhal Mòr Ostaig ann an taisbeanadh a thèid fosgladh aig a’ cho-labhairt ‘An Linne’ agus a bhios ann fad an Ògmhios.”
Gu h-eadar-nàiseanta, bithear a’ comharrachadh obair an neach-ealain am bliadhna air feadh Alba, Bhreatainn agus nan Stàitean Aonaichte le sreath thaisbeanaidhean agus cuideachd, thèid beatha an neach-ealain a chomharrachadh aig Sabhal Mòr Ostaig le co-labhairt is taisbeanadh – ‘An Linne’ – eadar an 27mh is an 29mh Cèitean. Airson tuilleadh fiosrachaidh agus àite a ghlèidheadh, faodar a dhol gu làrach-lìn an t-Sabhail www.smo.uhi.ac.uk no www.eventbrite.com
’S e com-pàirteachas eadar-nàiseanta, sònraichte a th’ ann an Sgoilearachd Jon Schueler eadar Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Urras Jon Schueler, le taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba.