Comann nan Oileanach
Tha oileanaich chlàraichte uile nam buill de Chomann nan Oileanach. Tha Comataidh Co-chomhairleachaidh nan Oileanach air a dhèanamh an àirde de riochdairean bho gach clas is cùrsa. A thuilleadh air a seo, tha riochdairean oileanach air mòran de chomataidhean na Colaiste. Tha Comann nan Oileanach mar bhall de NUS agus tha cothrom aig riochdairean Shabhal Mòr Ostaig a bhith air HISA, Comann Oileanach OGE. Thèid oileanaich a bhrosnachadh le taic bho luchd-obrach na Colaiste gus buidhnean spòrs is sòisealta a chur air dòigh.
Tha sinn air air dòigh gu bheil Comann làidir, èasgaidh a-nis againn airson a’ bhliadhna acadaimigeach 2025/26! Seo na buill:
- Ceann-suidhe: Beathag Shields
- Leas Cheann-suidhe: Shonagh NicCoinnich
- Rùnaire: Calum Mac an t-Sealgair
- Ionmhasair: Aaron Ingram
- Oifigear Thachartasan: Emily NicDhòmhnaill
- Oifigear Slàinte-inntinn is Àrainneachd: Fearghas MacLugh
- Oifigearean Àitichean-fuirich: Taliah Howard agus Dani Jakwerth
- Oifigear LGDTC+: El Chaimbeul
- Oifigear Spòrs: Ruby NicLeòid
- Oifigear Neùro-iomadachd: Màiri Gaffney
Faodar Comann nan Oileanach a leantail air Instagram agus TikTok gus cumail suas leis na naidheachdan agus tachartasan as ùire do dh’oileanaich.